- TIOTAL
- Caolas Dhòrnaich an Caol Catach o Chnoc na Srùaidh
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_1353
- ÀITE
- A' Mhùnd
- SGÌRE
- Dòrnach agus Craoich
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Dòrnach
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27974
- KEYWORDS
- Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
seallaidhean fradharcach

Sealladh air Caolas Dhòrnaich agus air a' Chaol Chatach o Chnoc na Srùaidh.
'S e Caolas Dhòrnaich linne air cost an ear na Gàidhealtachd ann an Alba a Tuath. 'S e an caolas pàirt den chrìoch a th' eadar Ros is Cromba gu deas agus Cataibh gu tuath.
Còmhla ri Loch Fleòd tha e air ainmeachadh na Àite Sònraichte Dìona (SPA) airson glèidhteachas fiadh-bheatha. Cuideachd tha e air ainmeachadh na Ionad Sònraichte Glèidhteachais, còmhla ris a' Mhorbhaich Mhòir.
Ann an 1991 chaidh drochaid ùr, Drochaid Dhòrnaich, a chur thar a' chaolais, a' dèanamh astar nas giorra air rathad an A9 eadar Inbhir Nis is Inbhir Theòrsa. Roimhe sin dh'fheumadh an trafaig a dhol taobh Dhrochaid a' Bhanna aig ceann an t-sàilein.
Tha Cnoc na Srùaidh, a th' ann an Ros an Ear, ag èirigh gu àirde 373m (1223 tr) gu deas air Caolas Dhòrnaich, agus tha e 7 mìle (11clm) an iarthuath air Baile Dhubhthaich. Bha Rathad na Srùaidh, am B9176 o Alanais gu Drochaid a' Bhanna, a bha uaireigin na rathad na dròbha, air a leasachadh ann an 1810-15 le Coimisean Rathaidean is Dhrochaidean na Gàidhealtachd.