Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14405 air ' bhòrd-thionndaidh, Inbhir Theòrsa, Cèitean 1928
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1371
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
DEIT
19 An Cèitean 1928
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
27988
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
einnseanan treana
LMS 14405 on the turntable at Thurso, May 1928

San dealbh-chamara seo chithear LMS 14405 air ' bhòrd-thionndaidh ann an Inbhir Theòrsa sa Chèitean 1928.

B' e an t-einnsean-treana seo fear den chlas 4-4-0 airson treanaichean luchd-siubhail air an robh ainmean nam beanntan beaga, clas "Small Bens". Chaidh a thogail san Iuchar 1899 aig oibrichean Rèile na Gàidhealtachd aig Loch Gorm ann an Inbhir Nis. Chaidh an àireamh 14405 a chur air le LMS agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san t-Sultain 1944.

Chaidh stèisean Inbhir Theòrsa fhosgladh am 28mh Iuchar 1874, na cheann-loidhne aig Meur Inbhir Theòrsa de Rèile Chataibh is Ghallaibh. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd, a shluig an companaidh eile a-rithist. 'S e an stèisean as fhaide gu tuath ann am Breatainn agus tha seirbheisean cunbhalach fhathast a' dol thuige.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14405 air ' bhòrd-thionndaidh, Inbhir Theòrsa, Cèitean 1928

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1920an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; treanaichean; trèanaichean; einnseanan treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh-chamara seo chithear LMS 14405 air ' bhòrd-thionndaidh ann an Inbhir Theòrsa sa Chèitean 1928.<br /> <br /> B' e an t-einnsean-treana seo fear den chlas 4-4-0 airson treanaichean luchd-siubhail air an robh ainmean nam beanntan beaga, clas "Small Bens". Chaidh a thogail san Iuchar 1899 aig oibrichean Rèile na Gàidhealtachd aig Loch Gorm ann an Inbhir Nis. Chaidh an àireamh 14405 a chur air le LMS agus chùm e a' dol gus an deach a tharraing à seirbheis san t-Sultain 1944. <br /> <br /> Chaidh stèisean Inbhir Theòrsa fhosgladh am 28mh Iuchar 1874, na cheann-loidhne aig Meur Inbhir Theòrsa de Rèile Chataibh is Ghallaibh. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd, a shluig an companaidh eile a-rithist. 'S e an stèisean as fhaide gu tuath ann am Breatainn agus tha seirbheisean cunbhalach fhathast a' dol thuige.