- TIOTAL
- HR 55 air treana, Inbhir Theòrsa, 1902
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_STATIONS_001_1379
- ÀITE
- Inbhir Theòrsa
- SIORRACHD/PARRAIST
- GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
- DEIT
- 1902
- LINN
- 1900an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 27996
- KEYWORDS
- stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
einnseanan treana

San dealbh-chamara seo chithear einnsean HR 55 air treana ann an Inbhir Theòrsa ann an 1902.
Air a thogail mar 2-2-2 agus an t-ainm 'Cluny' air an toiseach, chaidh an t-einnsean seo ath-thogail mar sheòrsa 2-4-0 san t-Sultain 1874, agus an t-ainm ùr 'Sutherland' air a chur air (an treas einnsean aig HR leis an ainm sin). Chaidh ainm atharrachadh a-rithist,, gu 'Invergordon', ann an 1884. Chaidh a tharraing à seirbheis agus a reic ann an 1906.
Chaidh stèisean Inbhir Theòrsa fhosgladh am 28mh Iuchar 1874, na cheann-loidhne aig Meur Inbhir Theòrsa de Rèile Chataibh is Ghallaibh. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd, a shluig an companaidh eile a-rithist. 'S e an stèisean as fhaide gu tuath ann am Breatainn agus tha seirbheisean cunbhalach fhathast a' dol thuige.