Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Ben Alder' air treana a' feitheamh gus falbh, Inbhir Theòrsa, Giblean 1951
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1390
ÀITE
Inbhir Theòrsa
SIORRACHD/PARRAIST
GALLAIBH: Inbhir Theòrsa
DEIT
25 An Giblean 1951
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28004
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
treanaichean
trèanaichean
'Ben Alder' on train waiting to depart Thurso for Inverness, April 1951

San dealbh-chamara seo chithear 'Ben Alder' air treana a' feitheamh gus am falbh e à Inbhir Theòrsa gu ruig Inbhir Nis sa Ghiblean 1951.

Chaidh 'Ben Alder', einnsean de chlas nam Beanntan Beaga, a thogail san Iuchar 1898. Fhuair e a-rithist an àireamh LMS 14398 air, agus chaidh sin atharrachadh gu 54398 le Rèile Bhreatainn. Air a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1953, bha iad am beachd 'Ben Alder' a ghlèidheadh gu snasail, ach mu dheireadh chaidh a chur gu briseadh ann an 1966.

Chaidh stèisean Inbhir Theòrsa fhosgladh am 28mh Iuchar 1874, na cheann-loidhne aig Meur Inbhir Theòrsa de Rèile Chataibh is Ghallaibh. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd, a shluig an companaidh eile a-rithist. 'S e an stèisean as fhaide gu tuath ann am Breatainn agus tha seirbheisean cunbhalach fhathast a' dol thuige.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Ben Alder' air treana a' feitheamh gus falbh, Inbhir Theòrsa, Giblean 1951

GALLAIBH: Inbhir Theòrsa

1950an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; treanaichean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh-chamara seo chithear 'Ben Alder' air treana a' feitheamh gus am falbh e à Inbhir Theòrsa gu ruig Inbhir Nis sa Ghiblean 1951.<br /> <br /> Chaidh 'Ben Alder', einnsean de chlas nam Beanntan Beaga, a thogail san Iuchar 1898. Fhuair e a-rithist an àireamh LMS 14398 air, agus chaidh sin atharrachadh gu 54398 le Rèile Bhreatainn. Air a tharraing à seirbheis sa Ghearran 1953, bha iad am beachd 'Ben Alder' a ghlèidheadh gu snasail, ach mu dheireadh chaidh a chur gu briseadh ann an 1966.<br /> <br /> Chaidh stèisean Inbhir Theòrsa fhosgladh am 28mh Iuchar 1874, na cheann-loidhne aig Meur Inbhir Theòrsa de Rèile Chataibh is Ghallaibh. Chaidh an loidhne obrachadh le Rèile na Gàidhealtachd, a shluig an companaidh eile a-rithist. 'S e an stèisean as fhaide gu tuath ann am Breatainn agus tha seirbheisean cunbhalach fhathast a' dol thuige.