Ùrachadh mu Dheireadh 23/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 103 air treana sònraichte shuas, Ògmhios 1960
EXTERNAL ID
PC_HRS_STATIONS_001_1398
ÀITE
Tom Aitinn
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais
DEIT
15 Ògmhios 1960
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28011
KEYWORDS
stèiseanan rèile
rathaidean iarainn
treanaichean
trèanaichean
einnseanan treana
HR 103 on an up special, June 1960

San dealbh-chamara seo chithear HR 103 air treana sònraichte shuas ann an Tom Aitinn san Ògmhios 1960.

B' e 103 a' chiad fhear de na h-einnseanan-treana den Chlas 'Big Goods' 4-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh a thogail ann an 1894. An dèidh dha tighinn à seirbheis ann an 1934 (leis an àireamh ùr air 17916 às dèidh an atharrachaidh) chaidh a thoirt air ais dha chiad dhreach agus choltas leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a thoirt air ais gu ìre làn-obrach le Rèile Bhreatainn agus chuir e seachad ùine a' tarraing chuairtean sònraichte do luchd-leanmhainn. 'S e an t-aon einnsean-treana aig HR (Rèile na Gàidhealtachd) a tha a' mairsinn agus gabhaidh fhaicinn aig Taigh-tasgaidh na Còmhdhail ann an Glaschu.

Chaidh stèisean Thom Aitinn fhosgladh le Rèile na Gàidhealtachd san Iuchar 1897, na phàirt den loidhne ùr dìreach eadar an Aghaidh Mhòr is Inbhir Nis. Chaidh seo a thogail airson cnap-starra a chur sna planaichean a bh' aig Rèile Bhreatainn a Tuath agus Rèile Mhòr Alba a Tuath airson na loidhnichean acasan a leudachadh gu ruig Inbhir Nis. Dhùin Tom Aitinn an 3mh den Chèitean 1965 còmhla ris a h-uile stèisean eile, ach a-mhàin Drochaid Chàrr, air a' phìos seo den loidhne.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 103 air treana sònraichte shuas, Ògmhios 1960

INBHIR NIS: A' Mhòigh 's Dail Fhearghais

1960an

stèiseanan rèile; rathaidean iarainn; treanaichean; trèanaichean; einnseanan treana

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Stations

San dealbh-chamara seo chithear HR 103 air treana sònraichte shuas ann an Tom Aitinn san Ògmhios 1960.<br /> <br /> B' e 103 a' chiad fhear de na h-einnseanan-treana den Chlas 'Big Goods' 4-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh a thogail ann an 1894. An dèidh dha tighinn à seirbheis ann an 1934 (leis an àireamh ùr air 17916 às dèidh an atharrachaidh) chaidh a thoirt air ais dha chiad dhreach agus choltas leis an LMS. Ann an 1959 chaidh a thoirt air ais gu ìre làn-obrach le Rèile Bhreatainn agus chuir e seachad ùine a' tarraing chuairtean sònraichte do luchd-leanmhainn. 'S e an t-aon einnsean-treana aig HR (Rèile na Gàidhealtachd) a tha a' mairsinn agus gabhaidh fhaicinn aig Taigh-tasgaidh na Còmhdhail ann an Glaschu. <br /> <br /> Chaidh stèisean Thom Aitinn fhosgladh le Rèile na Gàidhealtachd san Iuchar 1897, na phàirt den loidhne ùr dìreach eadar an Aghaidh Mhòr is Inbhir Nis. Chaidh seo a thogail airson cnap-starra a chur sna planaichean a bh' aig Rèile Bhreatainn a Tuath agus Rèile Mhòr Alba a Tuath airson na loidhnichean acasan a leudachadh gu ruig Inbhir Nis. Dhùin Tom Aitinn an 3mh den Chèitean 1965 còmhla ris a h-uile stèisean eile, ach a-mhàin Drochaid Chàrr, air a' phìos seo den loidhne.