Ùrachadh mu Dheireadh 19/09/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 63 'Ben Mheadhouin' air trèana faisg air Brùra, Am Faoilleach 1924
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_065
ÀITE
Brùra
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Clìn
DEIT
Faoilleach 1924
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28120
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
HR 63 'Ben Mheadhouin' on train near Brora, January 1924

HR 63 'Ben Mheadhouin' air trèana faisg air Brùra san Fhaoilleach 1924. Tha crann-sneachda beag air toiseach an locomotaibh. 'S e an 6.30 m à Inbhir Nis a dh' Inbhir Ùige an t-seirbheis a th' ann.

B' e pàirt den chlas 'Big Ben' de locomotaibhean 4-4-0 aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an HR 63. Bha iad sin glè choltach nan dealbhachadh ris an clas 'Ben' a bh' ann roimhe ach gun robh goileadairean nas motha aca, 's mar sin thathas a' toirt iomradh orra a-nis mar 'Big Bens' agus an fheadhainn a bh' ann romhpa mar 'Small Bens'. Chaidh a togail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus fhuairear i sa Chèitean 1908. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14418 a bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1932.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 63 'Ben Mheadhouin' air trèana faisg air Brùra, Am Faoilleach 1924

CATAIBH: Clìn

1920an

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)

HR 63 'Ben Mheadhouin' air trèana faisg air Brùra san Fhaoilleach 1924. Tha crann-sneachda beag air toiseach an locomotaibh. 'S e an 6.30 m à Inbhir Nis a dh' Inbhir Ùige an t-seirbheis a th' ann.<br /> <br /> B' e pàirt den chlas 'Big Ben' de locomotaibhean 4-4-0 aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an HR 63. Bha iad sin glè choltach nan dealbhachadh ris an clas 'Ben' a bh' ann roimhe ach gun robh goileadairean nas motha aca, 's mar sin thathas a' toirt iomradh orra a-nis mar 'Big Bens' agus an fheadhainn a bh' ann romhpa mar 'Small Bens'. Chaidh a togail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus fhuairear i sa Chèitean 1908. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14418 a bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Dùbhlachd 1932.