Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 14761 agus 14678 'Gordon Castle' air trèana a' dol seachad air Coille Chnagaidh, An t-Iuchar 1932
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_079
ÀITE
Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
DEIT
6 An t-Iuchar 1932
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28130
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
LMS 14761 and 14678 'Gordon Castle' on train passing Killiecrankie, July 1932

LMS 14761 agus 14678 'Gordon Castle' air trèana a' dol seachad air Coille Chnagaidh san Iuchar 1932. 'S e an 3.40 f à Peairt an t-seirbheis a th' ann.

B' e ball de locomotaibhean 4-6-0 clas 'River' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 14761. Chaidh a togail ann an 1916 agus bhithist air an t-àireamh HR 75 a thoirt dhith ach cha b' fhada gus an robh e follaiseach gun robh na locomotaibhean sin ro throm airson a' chuid mhòr de na drochaidean agus an rèile air lìonra na Gàidhealtachd. Chaidh an reic ri Rèile Chaledonia agus b' e CR 943 a bha air an locomotaibh seo. An dèidh a' bhuidhneachaidh neartaich an LMS a' phrìomh loidhne eadar Peairt agus Inbhir Nis agus mar sin chunnaic na 'Rivers' obair air rèilichean na Gàidhealtachd. Chaidh 14761 a thoirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1939.

B' e pàirt den chiad bhaidse de locomotaibhean luath luchd-siubhail 4-6-0 clas 'Castle' a chaidh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le Pàdraig Druiminn a bh' ann an 14678 (roimhe seo HR 143). Chaidh a togail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear i san Ògmhios 1900. Lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearran 1946.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 14761 agus 14678 'Gordon Castle' air trèana a' dol seachad air Coille Chnagaidh, An t-Iuchar 1932

PEAIRT: Blàr Athall

1930an

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)

LMS 14761 agus 14678 'Gordon Castle' air trèana a' dol seachad air Coille Chnagaidh san Iuchar 1932. 'S e an 3.40 f à Peairt an t-seirbheis a th' ann.<br /> <br /> B' e ball de locomotaibhean 4-6-0 clas 'River' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 14761. Chaidh a togail ann an 1916 agus bhithist air an t-àireamh HR 75 a thoirt dhith ach cha b' fhada gus an robh e follaiseach gun robh na locomotaibhean sin ro throm airson a' chuid mhòr de na drochaidean agus an rèile air lìonra na Gàidhealtachd. Chaidh an reic ri Rèile Chaledonia agus b' e CR 943 a bha air an locomotaibh seo. An dèidh a' bhuidhneachaidh neartaich an LMS a' phrìomh loidhne eadar Peairt agus Inbhir Nis agus mar sin chunnaic na 'Rivers' obair air rèilichean na Gàidhealtachd. Chaidh 14761 a thoirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1939.<br /> <br /> B' e pàirt den chiad bhaidse de locomotaibhean luath luchd-siubhail 4-6-0 clas 'Castle' a chaidh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le Pàdraig Druiminn a bh' ann an 14678 (roimhe seo HR 143). Chaidh a togail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear i san Ògmhios 1900. Lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearran 1946.