Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
LMS 16118 'Dornoch' air trèana ann an Inbhir Pheofharain, An t-Iuchar 1926
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_131
ÀITE
Inbhir Pheofharain
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Inbhir Pheofharain
DEIT
29 An t-Iuchar 1926
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28173
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
LMS 16118 'Dornoch' on train at Dingwall, July 1926

LMS 16118 'Dornoch' air trèana anns a' chùil ann an Inbhir Pheofharain san Iuchar 1923. 'S e an 2.20 f a Shrath Pheofhair a tha seo.

B' e aon de thrì tancaichean dìollaid a chaidh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a bha le Rèile na Gàidhealtachd fhèin ann a Inbhir Nis a bh' ann an 16118 (HR 56 roimhe). Le chèile thathas tric a' toirt iomradh air na locomotaibhean sin mar na 'Lochgorm Tanks'. Chaidh 16118 a thogail sa Ghiblean 1869 agus chaidh a h-ath-thogail ann an 1896. B' e 'Balnain' an t-ainm tùsail a bh' oirre agus chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Dornoch' ann an 1902 nuair a b' i an locomotaibh a bha ag obair air Rèile Aotrom Dhòrnaich.

Ann am bliadhnachan deireannach a beatha chaidh a h-àireamh atharrachadh grunnan thurais: gu 56A san Iuchar 1919, air ais gu 56 san t-Sultain 1919, agus gu 56A a-rithist san Iuchar 1921 agus gu 56B sa Chèitean 1922.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

LMS 16118 'Dornoch' air trèana ann an Inbhir Pheofharain, An t-Iuchar 1926

ROS: Inbhir Pheofharain

1920an

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)

LMS 16118 'Dornoch' air trèana anns a' chùil ann an Inbhir Pheofharain san Iuchar 1923. 'S e an 2.20 f a Shrath Pheofhair a tha seo.<br /> <br /> B' e aon de thrì tancaichean dìollaid a chaidh a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm a bha le Rèile na Gàidhealtachd fhèin ann a Inbhir Nis a bh' ann an 16118 (HR 56 roimhe). Le chèile thathas tric a' toirt iomradh air na locomotaibhean sin mar na 'Lochgorm Tanks'. Chaidh 16118 a thogail sa Ghiblean 1869 agus chaidh a h-ath-thogail ann an 1896. B' e 'Balnain' an t-ainm tùsail a bh' oirre agus chaidh a h-ath-ainmeachadh 'Dornoch' ann an 1902 nuair a b' i an locomotaibh a bha ag obair air Rèile Aotrom Dhòrnaich.<br /> <br /> Ann am bliadhnachan deireannach a beatha chaidh a h-àireamh atharrachadh grunnan thurais: gu 56A san Iuchar 1919, air ais gu 56 san t-Sultain 1919, agus gu 56A a-rithist san Iuchar 1921 agus gu 56B sa Chèitean 1922.