Ùrachadh mu Dheireadh 19/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Dunrobin' air beulaibh carragh-cuimhne 2na Diùc Chataibh aig Stèisean Dhùn Robain
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_140
ÀITE
Dùn Robain
SGÌRE
Goillspidh, Raoghard agus An Luirg
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Goillspidh
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28181
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
'Dunrobin' in front of the memorial to the 2nd Duke of Sutherland at Dunrobin Station

'Dunrobin' air beulaibh a' charragh-cuimhne dhan 2na Diùc Chataibh aig Stèisean Dhùn Robain.

B' e einnsean tanaca 0-4-4 a chaidh a thogail dhan 4mh Diùc Chataibh le Sharp Stewart & Co ann an 1895 a bh' ann an 'Dunrobin'. Bha i air a' cleachdadh airson trèana an Diùc a tharraing eadar Caisteal Dhùn Robain agus Inbhir Nis. Bha dà choidse aig an Diùc cuideachd, sailiùn le ceithir chuibhlichean agus sailiùn bògaidh. A dh'aindeoin 's ged nach robh i a-riamh ann an seilbh Rèile na Gàdhealtachd tha an locomotaibh co-cheangailte ris an loidhne.

Thug Rèile Bhreatainn còir an Diùc a thrèana a ruith air falbh ann an 1949 agus mar sin chaidh an locomotaibh agus an dà choidse a reic. Chaidh an loco agus an coidse le ceithir chuibhlichean a reic ri Caiptean Howey agus chaidh an taisbeanadh mar thaisbeanaidh neo-ghluasadach ann an New Romney air Rèile Romney, Hythe agus Dymchurch ann an Kent. Thug an ath neach leis an robh iad a Chanada iad far an do dh'fhuirich iad gu 2011 nuair a chaidh an ceannach le Taigh-tasgaidh Beamish, ann an Siorrachd Durham. Nuaie a chaidh seo a sgrìobhadh (An t-Ògmhios 2011) tha an taigh-tasgaidh an dùil 'Dunrobin' a dhèanamh suas às ùr gus am bi i ann an òrdugh obrachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Dunrobin' air beulaibh carragh-cuimhne 2na Diùc Chataibh aig Stèisean Dhùn Robain

CATAIBH: Goillspidh

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 4 (miscellaneous)

'Dunrobin' air beulaibh a' charragh-cuimhne dhan 2na Diùc Chataibh aig Stèisean Dhùn Robain.<br /> <br /> B' e einnsean tanaca 0-4-4 a chaidh a thogail dhan 4mh Diùc Chataibh le Sharp Stewart & Co ann an 1895 a bh' ann an 'Dunrobin'. Bha i air a' cleachdadh airson trèana an Diùc a tharraing eadar Caisteal Dhùn Robain agus Inbhir Nis. Bha dà choidse aig an Diùc cuideachd, sailiùn le ceithir chuibhlichean agus sailiùn bògaidh. A dh'aindeoin 's ged nach robh i a-riamh ann an seilbh Rèile na Gàdhealtachd tha an locomotaibh co-cheangailte ris an loidhne.<br /> <br /> Thug Rèile Bhreatainn còir an Diùc a thrèana a ruith air falbh ann an 1949 agus mar sin chaidh an locomotaibh agus an dà choidse a reic. Chaidh an loco agus an coidse le ceithir chuibhlichean a reic ri Caiptean Howey agus chaidh an taisbeanadh mar thaisbeanaidh neo-ghluasadach ann an New Romney air Rèile Romney, Hythe agus Dymchurch ann an Kent. Thug an ath neach leis an robh iad a Chanada iad far an do dh'fhuirich iad gu 2011 nuair a chaidh an ceannach le Taigh-tasgaidh Beamish, ann an Siorrachd Durham. Nuaie a chaidh seo a sgrìobhadh (An t-Ògmhios 2011) tha an taigh-tasgaidh an dùil 'Dunrobin' a dhèanamh suas às ùr gus am bi i ann an òrdugh obrachaidh.