Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà loccomotaibh (clas'Castle' agus 'Loch') air trèana luchd-siubail an an àitr neo-aithnichte
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_195
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28229
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
Two HR locomotives (a Castle and a Loch) on a passenger train at an unidentified location

Dà locomotaibh le HR ('Castle' agus 'Loch') air trèana luchd-siubhail ann an àite neo-aithnichte.

'S e ball de chlas 'Loch' aig Rèile na Gàidhealtachd a th' anns an einnsean a tha air thoiseach. Chaidh còig deug diubh a thogail le Dübs & Co ann an Glaschu ann an 1896 agus chaidh trì eile, le beagan atharrachaidhean, a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1917. Bha a' chiad bhaidse air an àireamhachadh 119 gu 133 agus na h-einnseanan às dèidh sin air an àireamhachadh 70 gu 72. Bhathas an dùil gun obraicheadh iad air seirbheisean luath luchd-siubhail agus chaidh iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.

Chaidh a' chiad dreach de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' aig Rèile na Gàidhealtachd a thoirt a-steach le Pàdraig Druiminn ann an 1900. Chaidh a' chiad sia (àir 140 gu 145) a thogail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear iad san Ògmhios a' bhliadhna sin. Fhuairear ceithir eile ((àir 146 gu 149), a chaidh a thogail le Dübs ann an Glaschu san Iuchar 1902 agus chaidh dhà eile (àir 30 agus 35) a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1910 agus 1911. Chaidh iad uile gu sealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite ann an 1948.

Chaidh an dàrna baidse de cheithir de dh'einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd rè ùine Frederick Mac a' Ghobhainn mar stiùireadair nan locomotaibhean. Chaidh an togail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn agus fhuairear iad ann an 1913. Àireamhaichte 26, 27, 28 agus 43 bha beagan atharrachaidhean orra bhon bhaidse roimhe. Nam measg sin bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus leudachadh air na bogsaicchean-toitee. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.

Chaidh an treas baidse de locomotaibhean luath luchd-siubhaill clas 'Castle' a thoirt a-steach le Rèile na Gàidhealtachd san earrach 1917. Chaidh trì einnseanan a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn. Àireamhaichte 50, 58 agus 59, bha iad diofraichte bho na baidsichean roimhe oir bha cuibhlichean dràibhidh na bu motha annta, goileadairean beagan na b' fhaide agus einnseanan frithealaidh le sia cuibhlichean. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà loccomotaibh (clas'Castle' agus 'Loch') air trèana luchd-siubail an an àitr neo-aithnichte

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 1 (1855-1922)