- TIOTAL
- 54493, 54488 agus 54487 air trèna ann an Alanais le 54487 sa ghàrradh
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_TRAINS_001_196
- ÀITE
- Alanais
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Ros Cuithne
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28230
- KEYWORDS
- locomotaibhean
trèanaichean

Trì locomotaibhean/trèanaichean ann an Alanais. Tha LMS 54493 air an làimh chlì (chan eil an loco follaiseach) air an 3.18 à Inbhir Nis a Bhaile Dhubhthaich. Tha 54488 sa mheadhan air an 3.45 à Baile Dhubhthaich a dh'Inbhir Nis. Tha 54487 sa ghàrradh air an làimh dheis.
Chaidh 54493, locomotaibh smùide 4-4-0, a thogail dha Rèile Chaledonia ann an 1921 a rèir dealbhachadh le Uilleam Pickersgill. Bha i àireamhaichte CR 88. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14493 a bh' oirre. Nuair a chaidh an rèile do sheilbh na stàite ann an 1948 bha i stèidhichte aig seada An Aghaidh Mhòir. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis san t-Samhain 1961.
B' e locomotaibhean 4-4-0 a bh' ann an 54487 agus 54488 cuideachd a chaidh a thogail dha Rèile Chaledonia agus bha iad air an dealbhachadh le Pickersgill. Chaidh 54487 a thogail ann an 1921. Bha i àireamhaichte CR 82. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14487 a bh' oirre agus nuair chaidh an rèile do sheilbh na stàite bha i stèidhichte aig seada Inbhir Nis. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis sa Mhàrt 1961 agus fhuaireas cuidhteas i an ath mhìos.
Chaidh 54488 a thogail ann an 1921 cuideachd. Bha i àireamhaichte CR 83. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14488 a bh' oirre. Nuair a chaidh an rèile do sheilbh na stàite ann an 1948 bha i cuideachd stèidhichte aig seada Inbhir Nis. Chaidh a toirt a-mach à seirbheis sa Ghearran 1961 agus fhuaireas cuidhteas i sa Ghiblean an aon bhliadhna.