Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loco clas 'Barney' neo-aithnichte a bha roimhe le HR air trèana ann an làithean LMS
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_198
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28232
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
An unidentified ex-HR Barney class loco on train in LMS days

Locomotaibh clas 'Barney' a bha roimhe le Rèile na Gàidhealtachd air trèana luchd ann an làithen LMS. Chan eileas fhathast air an àite, beanntan agus dùthaich fhosgailte, aithneachadh.

Chaidh locomotaibh 0-6-0 clas 'Barney' aig Rèile na Gàidhealtachd a dhealbhachadh le Pàdraig Druiminn airson trafaig bathair a tharraing ach bha iad tric gam faighinn fhèin air obair seirbheisean luchd-siubhail. Chaidh 12 a thogail uile gu lèir. Chaidh a chiad sia (àireamhaichte 134 gu 139) a thogail le Dübs & Co ann an Glaschu agus fhuairear iad sa Ghearran 1900. Bha carbadan frithealaidh le 8 cuibhlichean aca. Chaidh an dàrna baidse de cheithir einnseanan (àireamhan 18 gu 21) a thogail le Dübs & Co cuideachd agus fhuairear iad san Lùnastal 1902. Chaidh na dhà mu dheireadh a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn san Iuchar 1907. Mhair a h-uile locomotaibh gu math a-steach do sheilbh LMS agus bha còig dhiubh fhathast gan cleachdadh an dèidh don rèile a dhol do sheilbh na stàite ann an 1948.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loco clas 'Barney' neo-aithnichte a bha roimhe le HR air trèana ann an làithean LMS

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)

Locomotaibh clas 'Barney' a bha roimhe le Rèile na Gàidhealtachd air trèana luchd ann an làithen LMS. Chan eileas fhathast air an àite, beanntan agus dùthaich fhosgailte, aithneachadh.<br /> <br /> Chaidh locomotaibh 0-6-0 clas 'Barney' aig Rèile na Gàidhealtachd a dhealbhachadh le Pàdraig Druiminn airson trafaig bathair a tharraing ach bha iad tric gam faighinn fhèin air obair seirbheisean luchd-siubhail. Chaidh 12 a thogail uile gu lèir. Chaidh a chiad sia (àireamhaichte 134 gu 139) a thogail le Dübs & Co ann an Glaschu agus fhuairear iad sa Ghearran 1900. Bha carbadan frithealaidh le 8 cuibhlichean aca. Chaidh an dàrna baidse de cheithir einnseanan (àireamhan 18 gu 21) a thogail le Dübs & Co cuideachd agus fhuairear iad san Lùnastal 1902. Chaidh na dhà mu dheireadh a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn san Iuchar 1907. Mhair a h-uile locomotaibh gu math a-steach do sheilbh LMS agus bha còig dhiubh fhathast gan cleachdadh an dèidh don rèile a dhol do sheilbh na stàite ann an 1948.