Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà loco HrR('Loch' air thoiseach air 'Clan) air trèana ann an àite neo-aithnichte
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_199
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28233
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
Two HR locos (a Loch leading a Clan) on train at an unidentified location

Dà loco HR ('Loch' air thoiseach air 'Clan') air trèana luchd-siubhail ann an àite neo-aithnicchte.

'S e ball de chlas 'Loch' aig Rèile na Gàidhealtachd a th' anns an einnsean a tha air thoiseach. Chaidh còig deug diubh a thogail le Dübs & Co ann an Glaschu ann an 1896 agus chaidh trì eile le beagan atharrachaidhean, a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1917. Bha a' chiad bhaidse air an àireamhachadh 119 gu 133 agus na h-einnseanan às dèidh sin air an àireamhachadh 70 gu 72. Bhathas an dùil gun obraicheadh iad air seirbheisean luath luchd-siubhail agus chaidh iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.

'S e an clas 'Clan' de dh'einnseanan 4-6-0 luchd-siubhail an clas mu dheireadh de locomotaibh a chaidh a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd. Air an dealbhachadh le Crìsdean Cuimein fhuairear a' chiad ceithir (àireamhaichte 49,51, 52 & 53) ann an 1919 agus fhuairear ceithir eile (àireamhaichte 54 gu 57) ann an 1921. Air an togail le Hawthorn Leslie & Co sa Chaisteal Nuadh, mhair a h-uile ball den chlas do shealbh LMS ach cha robh ach aon fhathast ag obrachadh an dèidh dha Rèile Bhreatainn a bhith air a chruthachadh (HR 55 roimhe agus LMS 14767 'Clan Mackinnon').

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà loco HrR('Loch' air thoiseach air 'Clan) air trèana ann an àite neo-aithnichte

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 1 (1855-1922)

Dà loco HR ('Loch' air thoiseach air 'Clan') air trèana luchd-siubhail ann an àite neo-aithnicchte.<br /> <br /> 'S e ball de chlas 'Loch' aig Rèile na Gàidhealtachd a th' anns an einnsean a tha air thoiseach. Chaidh còig deug diubh a thogail le Dübs & Co ann an Glaschu ann an 1896 agus chaidh trì eile le beagan atharrachaidhean, a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1917. Bha a' chiad bhaidse air an àireamhachadh 119 gu 133 agus na h-einnseanan às dèidh sin air an àireamhachadh 70 gu 72. Bhathas an dùil gun obraicheadh iad air seirbheisean luath luchd-siubhail agus chaidh iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.<br /> <br /> 'S e an clas 'Clan' de dh'einnseanan 4-6-0 luchd-siubhail an clas mu dheireadh de locomotaibh a chaidh a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd. Air an dealbhachadh le Crìsdean Cuimein fhuairear a' chiad ceithir (àireamhaichte 49,51, 52 & 53) ann an 1919 agus fhuairear ceithir eile (àireamhaichte 54 gu 57) ann an 1921. Air an togail le Hawthorn Leslie & Co sa Chaisteal Nuadh, mhair a h-uile ball den chlas do shealbh LMS ach cha robh ach aon fhathast ag obrachadh an dèidh dha Rèile Bhreatainn a bhith air a chruthachadh (HR 55 roimhe agus LMS 14767 'Clan Mackinnon').