Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 103 agus 'Gordon Highlander' air ceann trèana ann am Baile Ùr Ghlinn Lus, An Giblean 1963
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_207
ÀITE
Baile Ùr Ghlinn Lus,Dùn Phris & Gall-Ghaidhealaibh
DEIT
15 An Giblean 1963
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28239
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
HR 103 and 'Gordon Highlander' double-heading a train at New Luce, April 1963

HR 103 agus 'Gordon Highlander' aire ceann trèana ann am Baile Ùr Ghlinn Lus sa Ghiblan 1963. Dh'fhàg an t-seirbheis An t-Sròn Reamhar. 'S e baile ann an Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh a th' ann am Baile Ùr Ghlinn Lus.

B' e a' chiad bhall de locomotaibhean 4-6-0 clas 'Big Goods' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 103. Chaidh a togail ann an 1894. An dèidh dhith a bhith air a' toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh dhith a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas às ùr gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1950 thill Rèile Bhreatainn air ais gu òrdugh làn obrachaidh i agus chur i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh aig HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.

Chaidh 'Gordon Highlander 'a thogail ann an 1920 le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus b' e aon de na dealbhachaidhean mu dheireadh aig locomotaibhean luchd-siubhail Rèile Mòr Ceann a Tuath na Gàidhealtachd a bh' innte. B' e 'The Soldier' an far-ainm a bh'oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis airson a gleidheadh ann an 1958. Bha i air a cleachdadh airson turais smùide chun An Ògmhios1966 nuair a chaidh a cur do Thaigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 103 agus 'Gordon Highlander' air ceann trèana ann am Baile Ùr Ghlinn Lus, An Giblean 1963

1960an

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 3 (1948 to the present day)

HR 103 agus 'Gordon Highlander' aire ceann trèana ann am Baile Ùr Ghlinn Lus sa Ghiblan 1963. Dh'fhàg an t-seirbheis An t-Sròn Reamhar. 'S e baile ann an Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh a th' ann am Baile Ùr Ghlinn Lus.<br /> <br /> B' e a' chiad bhall de locomotaibhean 4-6-0 clas 'Big Goods' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 103. Chaidh a togail ann an 1894. An dèidh dhith a bhith air a' toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh dhith a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas às ùr gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1950 thill Rèile Bhreatainn air ais gu òrdugh làn obrachaidh i agus chur i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh aig HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.<br /> <br /> Chaidh 'Gordon Highlander 'a thogail ann an 1920 le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus b' e aon de na dealbhachaidhean mu dheireadh aig locomotaibhean luchd-siubhail Rèile Mòr Ceann a Tuath na Gàidhealtachd a bh' innte. B' e 'The Soldier' an far-ainm a bh'oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis airson a gleidheadh ann an 1958. Bha i air a cleachdadh airson turais smùide chun An Ògmhios1966 nuair a chaidh a cur do Thaigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.