Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 103 agus 'Gordon Highlander' air ceann trèana anns A' Pheighinn Mhòr, A' Ghiblean 1963
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_211
ÀITE
A' Pheighinn Mhòr Siorrachd Inbhir Àir
DEIT
15 An Giblean 1963
LINN
1960an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28243
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
HR 103 and 'Gordon Highlander' double-heading a train at Pinmore, April 1963

HR 103 agus 'Gordon Highlander' air ceann trèana ann am Baile Ùr Ghlinn Lus sa Ghiblan 1963. Dh'fhàg an t-seirbheis An t-Sròn Reamhar. 'S e baile ann an Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh a th' ann am Baile Ùr Ghlinn Lus.

B' e a' chiad bhall de locomotaibhean 4-6-0 clas 'Big Goods' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 103. Chaidh a togail ann an 1894. An dèidh dhith a bhith air a' toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh dhith a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas às ùr gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1950 thill Rèile Bhreatainn air ais gu òrdugh làn obrachaidh i agus chur i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh aig HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.

Chaidh 'Gordon Highlander 'a thogail ann an 1920 le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus b' e aon de na dealbhachaidhean mu dheireadh aig locomotaibhean luchd-siubhail Rèile Mòr Ceann a Tuath na Gàidhealtachd a bh' innte. B' e 'The Soldier' an far-ainm a bh'oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis airson a gleidheadh ann an 1958. Bha i air a cleachdadh airson turais smùide chun An Ògmhios1966 nuair a chaidh a cur do Thaigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 103 agus 'Gordon Highlander' air ceann trèana anns A' Pheighinn Mhòr, A' Ghiblean 1963

1960an

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 3 (1948 to the present day)

HR 103 agus 'Gordon Highlander' air ceann trèana ann am Baile Ùr Ghlinn Lus sa Ghiblan 1963. Dh'fhàg an t-seirbheis An t-Sròn Reamhar. 'S e baile ann an Dùn Phris agus Gall-Ghaidhealaibh a th' ann am Baile Ùr Ghlinn Lus.<br /> <br /> B' e a' chiad bhall de locomotaibhean 4-6-0 clas 'Big Goods' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 103. Chaidh a togail ann an 1894. An dèidh dhith a bhith air a' toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh dhith a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas às ùr gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1950 thill Rèile Bhreatainn air ais gu òrdugh làn obrachaidh i agus chur i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh aig HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.<br /> <br /> Chaidh 'Gordon Highlander 'a thogail ann an 1920 le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus b' e aon de na dealbhachaidhean mu dheireadh aig locomotaibhean luchd-siubhail Rèile Mòr Ceann a Tuath na Gàidhealtachd a bh' innte. B' e 'The Soldier' an far-ainm a bh'oirre agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis airson a gleidheadh ann an 1958. Bha i air a cleachdadh airson turais smùide chun An Ògmhios1966 nuair a chaidh a cur do Thaigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.