- TIOTAL
- HR 56 'Clan Mackenzie' air trèana faisg air Stanlaidh
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_TRAINS_001_246
- ÀITE
- Stanlaidh
- SGÌRE
- Peairt
- SIORRACHD/PARRAIST
- PEAIRT
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28273
- KEYWORDS
- locomotaibhean
trèanaichean

HR 56 'Clan Mackenzie' air trèana luchd-siubhail a' dol gu tuath a' tighinn dlùth air Stanlaidh, air a slighe à Dùn Èideann a dh'Inbhir Nis. Tha an dà choidse a tha air thoiseach bho Rèile Bhreatainn a Tuath.
B' e ball den chlas 'Clan' de locomotaibhean luchd-siubhail 4-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an HR 56. Chaidh a dealbhachadh le Crìsdean Cuimein agus chaidh a togail le Hawthorn Leslie & Co sa Chaisteal Nuadh ann an 1921. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14768 a bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis sa Mhàrt 1945.