Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà locomotaibh le HR ('Castle' agus 'River') air trèana ann am Peairt, 1928
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_306
ÀITE
An Aghaidh Mhòr
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
1928
LINN
1920an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28317
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
Two HR locomotives (a Castle and a River) on train at Perth, 1928

Dà locomotaibh HR ('Castle' air thoirseach air 'River') air trèana a' dol gu tuath ann am Peairt, 1928.

Chaidh a' chiad dreach de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' aig Rèile na Gàidhealtachd a thoirt a-steach le Pàdraig Druiminn ann an 1900. Chaidh a' chiad sia (àir 140 gu 145) a thogail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear iad san Ògmhios a' bhliadhna sin. Fhuairear ceithir eile ((àir 146 gu 149), a chaidh a thogail le Dübsa nn an Glaschu san Iuchar 1902 agus chaidh dhà eile (àir 30 agus 35) a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1910 agus 1911 fa leth. Chaidh iad uile gu sealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite ann an 1948.

Chaidh an dàrna baidse de cheithir de dh'einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd rè ùine Frederick Mac a' Ghobhainn mar stiùireadair nan Locomotaibhean. Chaidh an togail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn agus fhuairear iad ann an 1913. Àireamhaichte 26, 27, 28 agus 43 bha beagan atharrachaidhean orra bho bhaidse roimhe. Nam measg sin bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus leudachadh air na bogsaicchean-toitee. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.

Chaidh an treas baidse de locomotaibhean luath luchd-siubhaill clas 'Castle' a thoirt a-steach le Rèile na Gàidhealtachd san earrach 1917. Chaidh trì einnseanan a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn. Àireamhaichte 50, 58 agus 59 bha agus haiad diofraichte bho na baidsichean roimhe oir bha cuibhlichean dràibhidh na bu motha annta, goileadairean beagan na b' fhaide agus einnseanan frithealaidh le sia cuibhlichean. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.

Chaidh sia locomotaibhean 4-6-0 clas 'River' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd bho Hawthorn Leslie. Fhuairear a' chiad dhà (70 'River Ness agus 71 'River Tay') san t-Sultain 1915 ach bha e follaiseach sa bhad gun robh iad ro throm airson na drochaidean agus mòran de loidhne Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh iad sin agus na ceithir einnseanan eile a reic ri Rèile Chaledonia far an deach an àireamhachadh 938 gu 943. An dèidh 1923, neartaich an LMS a' phriomh-loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt agus mar sin dh'obraich na locoothan mu dheireadh air loidhnichean na Gàidhealtachd. Dh'adhbhraich an ùpraid mun cuairt a' chlas ' River' gun do leig Frederich Mac a' Ghobhainn dheth a dheuchd mar Phriomh Einnseanair Luchd-stiùiridh. Bha e anns an dreuchd bho 1912.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà locomotaibh le HR ('Castle' agus 'River') air trèana ann am Peairt, 1928

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1920an

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)