Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
HR 21 'Forres' còmhla ri 3 locomotaibhean eile ann an Inbhir Nis
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_001_382
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28389
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
HR 21 'Forres' coupled with 3 other locomotives at Inverness

HR 21 'Forres' còmhla ri trì locomotaibhean eile ann an Inbhir Nis. Tha crann-sneachda mòr air HR 21.

Chaidh HR 21 a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis & Obar Dheathain le Sharp Stewart san Lùnastal 1863. B' e aon de dheich einnseanan ann an clas '18' a bh' innte agus bha co-chur rothan 2-4-0 aice. Chaidh i gu Rèile na Gàidhealtachd a bha air ùr chruthachadh ann an 1865. Air 4 Am Faoilleach 1901 spreadh goileadair an einnsein fhad 's bha i air trèana bathair tràth sa mhadainn faisg air Fachabair, a' marbhadh fear a' bhrèic agus a' leòn an dràibhear agus am fear-smàlaidh. Dh'ath-thog an HR i le siolandairean ùra anns A' Ghiblean 1874 agus a-rithist deich bliadhna an dèidh sin. Chaidh àireamh ùr, 30, a thoirt dhith san Lùnastal 1902, agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Iuchar 1909.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

HR 21 'Forres' còmhla ri 3 locomotaibhean eile ann an Inbhir Nis

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 1 (1855-1922)

HR 21 'Forres' còmhla ri trì locomotaibhean eile ann an Inbhir Nis. Tha crann-sneachda mòr air HR 21.<br /> <br /> Chaidh HR 21 a thogail dha Rèile Snaim Inbhir Nis & Obar Dheathain le Sharp Stewart san Lùnastal 1863. B' e aon de dheich einnseanan ann an clas '18' a bh' innte agus bha co-chur rothan 2-4-0 aice. Chaidh i gu Rèile na Gàidhealtachd a bha air ùr chruthachadh ann an 1865. Air 4 Am Faoilleach 1901 spreadh goileadair an einnsein fhad 's bha i air trèana bathair tràth sa mhadainn faisg air Fachabair, a' marbhadh fear a' bhrèic agus a' leòn an dràibhear agus am fear-smàlaidh. Dh'ath-thog an HR i le siolandairean ùra anns A' Ghiblean 1874 agus a-rithist deich bliadhna an dèidh sin. Chaidh àireamh ùr, 30, a thoirt dhith san Lùnastal 1902, agus chaidh a toirt a-mach à seirbheis mu dheireadh san Iuchar 1909.