Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aithriseachd mun Ionad Creag Àrd, Agallamh còmhla ri neach-dèiligidh (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_02_GD
ÀITE
Loch nam Madadh
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2843
KEYWORDS
obair shòisealta
feuman sònraichte

Get Adobe Flash player

Tha Dòmhnall MacFhionghain na neach-dèiligidh aig Ionad Creag Àrd. An seo tha e a' bruidhinn air na bhios e a' dèanamh aig Creag Àrd. Tha e a' bruidhinn cuideachd air na dealbhan a tha e a' taisbeanadh aig ionad ealain Taigh Chearsabhagh. Tha e an uair sin ag innse dè eile bhios e a' dèanamh tron t-seachdain, ag ainmeachadh àite-obrach eile (NAAFI, Lovats), agus cur-seachadan ciùil deireadh na seachdain.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Dòmhnall MacFhionghain, 's tha mi a' fuireach ann an Cnoc Cuidhein.

Bidh mi a' tighinn a-mach a Chreag Àrd a h-uile dà latha san t-seachdain - Dimàirt agus Diciadain.

Bidh sinn a' gabhail tì an toiseach. Bidh sinn an uair sin a' dèanamh fuirm agus na stools, no ge be dè bhios againn ri dhèanamh. Bidh sinn an uair sin a' dol a Thaigh Chearsabhagh airson lunch, gu math tric sandwiches le tuna no salmon agus salad.

Cha dèan mi ach na dealbhan a thaghadh seach gu bheil an taigh agamsa cho faisg air a' mhuir. (Bha mi) riamh keen air bàtaichean, 's dol a dh'iasgach. An uair sin, nuair a bhios an centre a' dol air tripichean as t-samhradh a Steòrnabhagh no dhan Eilean Sgitheanach bidh mi a' falbh air na ferries.

Bidh mi ag obair sa Naafi - well, 's e Lovats a th' ann a-nis - trì latha san t-seachdain - Diluain 's Dimàirt .... Diluain 's Diciadain 's Dihaoine.

Aig a' weekend bidh mi a-staigh ach a' dol chun accordion and fiddle club a h-uile dàrna Disathairne air feadh a' gheamhraidh, ach a dh'aithghearr bidh e deiseil airson an t-samhraidh.

Chan eil aona note (agam) - ach dìreach a' togail nan tuneichean bho tapeichean no CD no ge be càite eile an cluinn mi iad ... a' cluich coltach ri Iain MacLachlainn, no Bobby MacLeod, no Jimmy Shand, no fear dhe na h-old favourites.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aithriseachd mun Ionad Creag Àrd, Agallamh còmhla ri neach-dèiligidh (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

obair shòisealta; feuman sònraichte

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices