Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An t- Ionad Creag Àrd, Agallamh còmhla ri Neach bhon Choimhearsnachd (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_03_GD
ÀITE
Loch nam Madadh
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2846
KEYWORDS
obair shòisealta
feuman sònraichte

Get Adobe Flash player

Tha Flòraidh NicDhòmhnaill, a tha a' còmhnaidh ann an Uibhist a Tuath, a' bruidhinn an toiseach air cho cudromach 's a tha Creag Àrd don choimhearsnachd, agus mar a tha i fhèin ag eadar-obrachadh còmhla ri Dòmhnall MacFhionghain. Tha i an uair sin a' toirt iomradh air carson a chuir iad air bhonn taisbeanadh de sgilean traidiseanta ann an Taigh Chearsabhagh, agus a smuaintean fhèin air an àite aca sa choimhearsnachd an-diugh.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Well, tha Creag Àrd uabhasach cudromach sa choimhearsnachd airson... tha daoine a' faighinn a-mach às an dachaidh aca fhèin, agus tha iad a' cur seachad an latha còmhla ri daoine eile, agus cuideachd tha iad ag ionnsachadh sgilean, no tha iad an sàs ann an sgilean. Agus tha e a' toirt toileachadh dhaibh fhèin, agus eh, tha e cuideachd a' toirt faochadh dha na daoine a th' aig ... aig an dachaidh aca. So, tha àite mar a tha Creag Àrd uabhasach fhèin feumail.

Well, tha na daoine a th' ann an Creag Àrd... tha iadsan a' toirt gu leòr seachad. Tha iad air a bhith a' dèanamh uinneagan sa choimhearsnachd - agus chan e sin a h-uile h-uinneag - 's e uinneagan sònraichte a tha seo - stained glass - agus tha sin ag innse gu bheil sgilean sònraichte aig a' bhoireannach a tha a' ruith Creag Àrd, agus gu bheil i gan ionnsachadh dha na daoine a tha a' tighinn a-staigh.

Thachair mi air Dòmhnall, agus um, bha fhios 'am... thuig mi glè mhath gun robh ùidh aige as a' chuibhle agus as a' bheairt cuideachd. Bha e a' sealltainn air a' bheairt cho luath 's a thàinig e a-staigh. So mar sin sheall mi dha a' chuibhle-shnìomh an toiseach agus bha e a' tuigsinn glè mhath mar a bha i ag obair. Ach bha fhios 'am - bha mi a' smaointinn gun robh eòlas aige air a' bheairt mar-thà, agus, eh, rinn e rud air a' bheairt còmhla rium fhìn, agus tha fhios 'am gun dèan Dòmhnall obair beairt cuideachd, no breabadaireachd.

Well, chuir mise air dòigh an taisbeanadh a bha seo, airson tha mi air a bhith a' cruinneachadh stuth agus - eh, sin na h-innealan - tha mi air a bhith a' cruinneachadh nan innealan agus a h-uile sìon a bhuineas dha na sgilean a tha seo. Ach chuir mi air e airson gur ann anns a' cheann a tuath ann an Uibhist a Tuath a dh'ionnsaich mise snìomh an toiseach nuair a bha mi glè òg. Agus 's ann bho bhoireannach thall ann an Uibhist a Tuath - Mar, Mary Margaret an t-ainm a bh' oirre - agus fhuair mi a-mach an t-ainm aice ann an rannsachadh nuair a chuir mi air an taisbeanadh - agus, eh, mar sin bha mi airson na sgilean a tha... a dh'ionnsaich mi ann an Uibhist a Tuath a thoirt air ais dha na daoine an dèidh còig bliadhna fichead co-dhiù. Agus bhon a thàinig mi a dh'fhuireach an seo bha mi a' smaointinn gum biodh e gu math freagarach gun seallainn dhaibh na sgilean a thòisich mi air o chionn dh'fhaoidte còig bliadhna fichead.

Well, tha còmhlan air a bhith a' tighinn a-staigh, agus chuir boireannach eile a tha ag obair - Margaret Fenton - a tha ag obair air Prime Time ann an Taigh Chearsabhagh - tha ise - tha còmhlan aicese leis am bi i a' coinneachadh. So chuir ise air dòigh gun tigeadh iadsan a-staigh a shealltainn air an taisbeanadh, agus bha mi a' sealltainn nam beart.. well 's e real.. 's e a' chuibhle-shnìomh a bu mhotha a bha mi a' sealltainn dhaibh
agus chòrd sin rium uabhasach math airson thachair mi air boireannaich agus daoine an àite, agus bha ùidh aca uile anns an t-snìomh agus bha mi fhìn cuideachd ag ionnsachadh rudan bho na boireannaich anns a' choimhearsnachd airson bha fiosrachadh aca mu dheidhinn dè a bha mi a' dèanamh.

Agus cuideachd 's ann à Uibhist a Tuath a thàinig cuideachd m' athar, agus 's e tuairneir a bh' annta. Bhiodh iad a' dèanamh beairtean agus cuibhlichean-shnìomh agus aig an taisbeanadh a tha seo chì sinn mar a tha na sgilean tradaiseanta a bh' aig na fir ri obair a' chlò cuideachd. Agus tha mi a' smaointinn bu bheil sin gu math cudromach gum faic daoine mar a chaidh na h-innealan a thogail leis an làimh.

Bha còir, tha mi a' smaointinn, barrachd cothrom a bhith aig daoine òg na h-eileanan a tha seo barrachd, eh, a dhèanamh airson na sgilean ionnsachadh, airson mura h-ionnsaich mar a tha mo leithid fhìn - agus daoine nas sine na mi - aig a bheil na sgilean, bàsaichidh na sgilean a-mach... Tha mi a' cluintinn gu bheil an clò a' fàs gu math fasanta a-rithist,
agus gu bheil iad a' sealltainn airson barrachd dhaoine a nì obair a' chlò, agus gu bheil iad a' tairgsinn beairtean a thoirt do dhaoine òga ann an Leòdhas airson gun ionnsaich iad e. So, mar sin, cha deach an clò riamh a-mach à fasan, agus tha mi a' smaointinn gu bheil e a' sìor-fhàs fasanta.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An t- Ionad Creag Àrd, Agallamh còmhla ri Neach bhon Choimhearsnachd (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

obair shòisealta; feuman sònraichte

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices