Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Trì locomotaibhwean agus an criuthaichean ann am Peairt, deiseil gus an Trèana Rìoghail obrachadh
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_003_486
ÀITE
Peairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT
LINN
1900an; 1910an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28484
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
Three locomotives and their crews at Perth, ready to work the Royal Train

Trì locomotaibhean agus an criuthaichean ann am Peairt deiseil gus an Trèana Rìoghail obrachadh. Bho chlì gu deas - HR 149 'Duncraig Castle', HR 13? (loco clas 'Loch') agus HR 141 'Ballindalloch Castle'. Tha Àir. 141 sgeadaichte le bòrd-cinn mòr an Trèana Rìoghail agus tha bòrd "Royal Train Pilot" air an 'Loch'. Dh'fhaodadh gur iad sin na locomotaibhean a tharraing an Trèana Rìoghail nuair a thadhail Eideard VII ann an 1905.

B' e pàirt den chiad bhaidse de locomotaibhean luath luchd-siubhail 4-6-0 clas 'Castle' a chaidh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le Pàdraig Druiminn a bh' ann an HR 149. Chaidh a togail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear i san Ògmhios 1900. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14684 a bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Fhaoilleach 1940.

B' e an clas 'Loch' 4-4-0 an clas mu dheireadh de locomotaibhean a dhealbhaich Daibhidh Jones do Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh còig-deug dhiubh a thogail le Dübs & Co ann an Glaschu ann an 1896 agus chaidh trì eile, le atharrachaidhean beaga, a dhèanamh le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1917. Chaidh a' chiad fheadhainn àireamhachadh 119 gu 133 le na h-einnseanan an dèidh sin air an àireamhachadh 70 gu 72. Bha iad airson obrachadh air seirbheisean luath luchd-siubhail agus ghluais iad uile gu sealbh LMS ann an 1923.

B' e pàirt den chiad bhaidse de locomotaibhean luath luchd-siubhail 4-6-0 clas 'Castle' a chaidh a dhealbhachadh dha Rèile na Gàidhealtachd le Pàdraig Druiminn a bh' ann an HR 141. Chaidh a togail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear i san Ògmhios 1900. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 14676 a bh' oirre agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san t-Sultain 1937.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Trì locomotaibhwean agus an criuthaichean ann am Peairt, deiseil gus an Trèana Rìoghail obrachadh

PEAIRT

1900an; 1910an

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 1 (1855-1922)