Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aithriseachd mun Phròiseact Re-Store (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_04_GD
ÀITE
Bòrnais
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2851
KEYWORDS
ùrachadh àirneis
ath-chuartachadh

Get Adobe Flash player

'S e iomairt shòisealta ann an Uibhist a Deas a th' anns a' Phròiseact Re-Store. Tha seann àirneis air a h-ùrachadh 's air a h-ath-chuartachadh. Tha am pròiseact cuideachd na dhachaigh do sgeama ath-chuartachadh leabhraichean, 's tha e a' toirt cosnadh agus cothroman trèanaidh seachad sa choimhearsnachd.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Tha am Pròiseact Re-Store stèidhichte ann am Bòrnais, Uibhist a Deas.

Tha e air a ruith leis a' bhuidhinn choimhearsnachd Cothrom, le taic bhon Aonadh Eòrpach.

Tha e ag amas air seann àirneis is leabhraichean a chur gu feum a-rithist.

Anns a' bhùth-obrach tha Seumas Dòmhnallach ag obair air seann àirneis a chaidh a thoirt dhan phròiseact.

Bidh e ga ghlanadh agus ga chàradh.

Uaireannan nì e obair a bharrachd airson a dhèanamh nas làidire.

Aon uair 's gu bheil e sàsaichte gu bheil e math gu leòr agus làidir gu leòr airson a bhith air a reic a-rithist, cuiridh e e anns a' bhùth.

Tha Seumas gu math toilichte innse do dhuine sam bith gu dè an obair a tha e air dèanamh, ann am Beurla no Gàidhlig.

Tha pròiseact leabhraichean anns a' bhùth cuideachd. 'S e Avril Chaimbeul a tha ga stiùireadh.

Tha seo a' tabhann chothroman airson obair agus trèanadh cuideachd.

A bharrachd air àirneis a chàradh, bidh am pròiseact ga thoirt an uair sin dhan taigh.

Ann a bhith a' reic deagh àirneis aig prìs ìseal agus ga thoirt dhan doras agaibh tha am pròiseact Re-Store air margaid shònraichte a chruthachadh ann an Uibhist. Leis mar a tha e cuideachd a' gearradh sìos air an uiread de sgudal a tha sinn a' dèanamh, dh'fhaodadh tu a ràdh gu bheil e a' toirt seachad seirbheis luachmhor dhan choimhearsnachd aig an aon àm.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aithriseachd mun Phròiseact Re-Store (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

ùrachadh àirneis; ath-chuartachadh

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices