Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taobh a-staigh caba Àir. 828 le Rèile Chaledonia Glèidhte ann an Coit a' Ghartain, An Lùnastal 1995
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_003_540
ÀITE
Coit a' Ghartain
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
DEIT
Lùnastal 1995
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28527
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
Interior of the cab of Preserved Caledonian Railway No. 828 at Boat of Garten, August 1995

Taobh a-staigh cab Àir. 828 Glèidhte le Rèile Chaledonia ann an Coit a' Ghartain san Lùnastal 1995.

'S e an locomotaibh seo an aon bhall de Chlas 812 aig Rèile Chaledonia, agus a chaidh a dhealbhachadh le Iain F. Mac an Tòisich, a mhair. Chaidh buill den chlas seo a thogail gus obrachadh air trèanaichean bathair luath, trafaig turais agus trèanaichean bàta luath.

Chaidh 828 a thogail aig Ionad-obrach St Rollox ann an Glaschu agus chaidh a lìbhrigeadh san Lùnastal 1899. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 17566 a bh' oirre agus fhuair i goileadair agus bogsa-toite ùr. An uair a chaidh an rèile do sheilbh na stàite bha i stèidhichte aig seada Corkerhill agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1963. Goirid an dèidh sin chaidh a ceannach le Maoin Glèidhteachais Locomotaibhean na h-Alba airson luach £900. Aig an àm a chaidh seo a sgrìobhadh (2011) chithear an locomotaibh ag obair air Rèile Srath Spè.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taobh a-staigh caba Àir. 828 le Rèile Chaledonia Glèidhte ann an Coit a' Ghartain, An Lùnastal 1995

INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais

1990an

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 3 (1948 to the present day)

Taobh a-staigh cab Àir. 828 Glèidhte le Rèile Chaledonia ann an Coit a' Ghartain san Lùnastal 1995.<br /> <br /> 'S e an locomotaibh seo an aon bhall de Chlas 812 aig Rèile Chaledonia, agus a chaidh a dhealbhachadh le Iain F. Mac an Tòisich, a mhair. Chaidh buill den chlas seo a thogail gus obrachadh air trèanaichean bathair luath, trafaig turais agus trèanaichean bàta luath.<br /> <br /> Chaidh 828 a thogail aig Ionad-obrach St Rollox ann an Glaschu agus chaidh a lìbhrigeadh san Lùnastal 1899. An dèidh a' bhuidhneachaidh b' e LMS 17566 a bh' oirre agus fhuair i goileadair agus bogsa-toite ùr. An uair a chaidh an rèile do sheilbh na stàite bha i stèidhichte aig seada Corkerhill agus lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis san Lùnastal 1963. Goirid an dèidh sin chaidh a ceannach le Maoin Glèidhteachais Locomotaibhean na h-Alba airson luach £900. Aig an àm a chaidh seo a sgrìobhadh (2011) chithear an locomotaibh ag obair air Rèile Srath Spè.