Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Dunrobin le coidse sia-chuibhlichean ann an àite neo-aithnichte
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_003_543
ÀITE
neo-aithnichte
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28530
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
'Dunrobin' with a six-wheeled coach at an unidentified location

'Dunrobin' le coidse sia-chuibhlichean ann an àite neo-aithnichte.

B' e einnsean tanca 0-4-4 a chaidh a thogail dhan 4mh Diùc Chataibh le Sharp Stewart & Co ann an 1895 a bh' ann an 'Dunrobin'. Bha i air a' cleachdadh airson trèana an Diùc a tharraing eadar Caisteal Dhùn Robain agus Inbhir Nis. Bha dà choidse aig an Diùc cuideachd, sailiùn le ceithir chuibhlichean agus sailiùn bògaidh. A dh'aindeoin 's ged nach robh i a-riamh ann an seilbh Rèile na Gàdhealtachd tha an locomotaibh co-cheangailte ris an loidhne.

Thug Rèile Bhreatainn còir an Diùc a thrèana a ruith air falbh ann an 1949 agus mar sin chaidh an locomotaibh agus an dà choidse a reic. Chaidh an loco agus an coidse le ceithir chuibhlichean a reic ri Caiptean Howey agus chaidh an taisbeanadh mar thaisbeanaidh neo-ghluasadach ann an New Romney air Rèile Romney, Hythe agus Dymchurch ann an Kent. Thug an ath neach leis an robh iad a Chanada iad far an do dh'fhuirich iad gu 2011 nuair a chaidh an ceannach le Taigh-tasgaidh Beamish, ann an Siorrachd Durham. Nuaie a chaidh seo a sgrìobhadh (An t-Ògmhios 2011) tha an taigh-tasgaidh an dùil 'Dunrobin' a dhèanamh suas às ùr gus am bi i ann an òrdugh obrachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Dunrobin le coidse sia-chuibhlichean ann an àite neo-aithnichte

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 4 (miscellaneous)

'Dunrobin' le coidse sia-chuibhlichean ann an àite neo-aithnichte.<br /> <br /> B' e einnsean tanca 0-4-4 a chaidh a thogail dhan 4mh Diùc Chataibh le Sharp Stewart & Co ann an 1895 a bh' ann an 'Dunrobin'. Bha i air a' cleachdadh airson trèana an Diùc a tharraing eadar Caisteal Dhùn Robain agus Inbhir Nis. Bha dà choidse aig an Diùc cuideachd, sailiùn le ceithir chuibhlichean agus sailiùn bògaidh. A dh'aindeoin 's ged nach robh i a-riamh ann an seilbh Rèile na Gàdhealtachd tha an locomotaibh co-cheangailte ris an loidhne.<br /> <br /> Thug Rèile Bhreatainn còir an Diùc a thrèana a ruith air falbh ann an 1949 agus mar sin chaidh an locomotaibh agus an dà choidse a reic. Chaidh an loco agus an coidse le ceithir chuibhlichean a reic ri Caiptean Howey agus chaidh an taisbeanadh mar thaisbeanaidh neo-ghluasadach ann an New Romney air Rèile Romney, Hythe agus Dymchurch ann an Kent. Thug an ath neach leis an robh iad a Chanada iad far an do dh'fhuirich iad gu 2011 nuair a chaidh an ceannach le Taigh-tasgaidh Beamish, ann an Siorrachd Durham. Nuaie a chaidh seo a sgrìobhadh (An t-Ògmhios 2011) tha an taigh-tasgaidh an dùil 'Dunrobin' a dhèanamh suas às ùr gus am bi i ann an òrdugh obrachaidh.