Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh còmhla ri Fear-ceàirde/trèanaidh Re-Store (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_05_GD
ÀITE
Bòrnais
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2855
KEYWORDS
ùrachadh àirneis
ath-chuartachadh

Get Adobe Flash player

'S e Seumas Dòmhnallach am Fear-ceàirde/trèanaidh aig a' Phròiseact Re-Store ann am Bòrnais, Uibhist a Deas. Tha e a' bruidhinn air an obair 's an trèanadh a bhios iad a' dèanamh, agus luach a' phròiseict don fheadhainn fo thrèanadh agus don choimhearsnachd.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Tha mi ag obair ann a sheo. 'S e an obair a th' agam, mar a chanas sinn sa Bheurla, Craftsman/Trainer. Um, tha duine no dithis còmh' rium. Tha iad a' dèanamh an obair a-muigh, mar a tha mi a' sealltainn dhaibh. Agus, em, bidh sinn a' toirt a-staigh furniture eadar, well seòrsa sam bith, nach eil daoine ag iarraidh. Bidh sinn a' toirt sùil air, an gabh sìon dèanamh leis, no an gabh e cur air dòigh. Agus, ma ghabhas, tha sinn a' dèanamh sin agus ga thoirt a-staigh ann a sheo agus ga reic ri duine sa choimhearsnachd, duine sam bith a thig a-staigh a ghabhas nòisean de rud sam bith.

Tha workshop a-muigh. Siud far am bi sinn a' dèanamh a' chàradh is ag obair um ... seann stuff ma tha seann varnish air... tha e air a' sgrìobadh is ... well a' sealltainn gu bheil e sean. Bidh sinn a' toirt dheth sin, agus glè thric ga thoirt air ais chun an fhiodh, agus an uair sin ga varnisheadh air ais.

Na balaich a tha a-muigh, tha iad um ... Well, tha fear dhiubh, tha, chan eil mòran feum aige air trèanadh a thaobh obair varnisheadh agus peantadh ... 's e sin car a chiùird. Ach tha duine no dithis òg eile ann, bidh iad againn treiseag, is bidh iad sin gar cuideachadh agus a' dèanamh sin, agus well bidh iad ag ionnsachadh sin 's mar a bheir iad air ais e 's mar ... Nuair a chì iad an obair a' tighinn a-staigh, an staid sa bheil e a' tighinn a-staigh, agus an uair sin ag obair air iad fhèin agus an staid sa bheil e a' dol a-mach, tha - chì iad e bho thoiseach gu dheireadh mar gum biodh. Bidh sin a' còrdadh riutha glè mhath. Tha iad a' faicinn gu bheil iad fhèin - tha iad a' faicinn an obair a chuir iad fhèin ann, is gun tèid aca fhèin air a dhèanamh.

Chan eil fhios agam dè tha mi gus a bhith ris a h-uile latha. Chì thu rudeigin às do dhèidh a h-uile latha. Ach, na dhèidh sin chan eil, chan eil fhios agad ... Dh'fhaodadh rud ùr tighinn nad aghaidh a h-uile latha agus feumaidh tu a bhith deiseil airson tachairt ri sin cuideachd.

Tha gu ... gu leòr mhòr dhen, dhen, eh, rud a tha a' tighinn thugainn, mura tigeadh e ann a sheo cha bhiodh e ach a' dol dhan dump. Agus em, ach gu leòr mhòr dheth nach eil fìor an rud ceàrr air ach gu bheil daoine a' coimhead airson rud ùr. 'S tha sinne toirt dhaibh àite dhan cuir iad sin. Tha fios aig daoine fhèin nach eil fìor mhòran ceàrr air na th' aca, ach tha daonnan - chan eil fios aca cò a ghabhadh e no sìon mar sin, ach tha sinne a' toirt dhaibh an cothrom, an cothrom sin gum faigh iad bhuapa e, 's gun tig e a dh'àiteigin eile, gun dèan sinn rud ris, gum faigh cuideigin eile mathas às.

Oh, tha feum mòr againn air a' chòrr dhen choimhearsnachd. Mura b' e sin, cha bhiodh sinn, cha bhiodh sinn an seo. 'S e sin a tha gar cumail a' dol. 'S ann air gu leòr mhòr de choibhneas na coimhearsnachd a tha sinn ag obrachadh. Ach feumaidh sinn daonnan cuimhneachadh gur e iad sin a tha gar cumail a' dol. Rud sam bith a cheannaicheas iad, feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil e, gu bheil e math airson a dhol air ais thuca. 'S mar sin tha sinn a' smaoin... tha mi a' smaoineachadh gu bheil, gu bheil sinn a' dèanamh feum.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh còmhla ri Fear-ceàirde/trèanaidh Re-Store (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

ùrachadh àirneis; ath-chuartachadh

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices