Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loco clas 'Barney a bha le HR roimhe air trèana luchd ann an Inbhir Nis, làithean LMS
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_003_589
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28569
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
An unidentified ex-HR 'Barney' class loco on a freight train at Inverness, LMS days

Loco clas 'Barney' air trèana luchd ri taobh a' bhogsa chomharran air lùib Sràid an Ròis ann an Inbhir Nis.

Chaidh clas 'Barney' de locomotaibbhean 0-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd a dhealbhachadh le Pàdraig Druiminn ach an tarraingeadh iad trafaig bathair, ach glè thric chaidh an cur gu obair thrèanaichean luchd-siubhail. Chaidh 12 dhiubh a thogail uile gu lèir. Chaidh a' chiad sia dhiubh (Àir. 134 gu 139) a thogail le Dubs & Co agus a lìbhrigeadh sa Ghearran 1900. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aca. Chaidh an dàrna buidheann de cheithir einnseanan, cuideachd air an togail le Dubs & Co, fhaighinn san Lùnastal 1902. Chaidh na dhà mu dheireadh dhiubh a thogail le CompanaidhLocomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn san Iuchar 1907. Mhair a h-uile h-aon den dusan einnsean seo fada a-steach gu seilbh an LMS agus bha còig dhiubh fhathast ann an seirbheis an dèidh an cur gu seilbh na stàite ann an 1948.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loco clas 'Barney a bha le HR roimhe air trèana luchd ann an Inbhir Nis, làithean LMS

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)

Loco clas 'Barney' air trèana luchd ri taobh a' bhogsa chomharran air lùib Sràid an Ròis ann an Inbhir Nis.<br /> <br /> Chaidh clas 'Barney' de locomotaibbhean 0-6-0 aig Rèile na Gàidhealtachd a dhealbhachadh le Pàdraig Druiminn ach an tarraingeadh iad trafaig bathair, ach glè thric chaidh an cur gu obair thrèanaichean luchd-siubhail. Chaidh 12 dhiubh a thogail uile gu lèir. Chaidh a' chiad sia dhiubh (Àir. 134 gu 139) a thogail le Dubs & Co agus a lìbhrigeadh sa Ghearran 1900. Bha carbadan-frithealaidh nan 8-cuibhle aca. Chaidh an dàrna buidheann de cheithir einnseanan, cuideachd air an togail le Dubs & Co, fhaighinn san Lùnastal 1902. Chaidh na dhà mu dheireadh dhiubh a thogail le CompanaidhLocomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn san Iuchar 1907. Mhair a h-uile h-aon den dusan einnsean seo fada a-steach gu seilbh an LMS agus bha còig dhiubh fhathast ann an seirbheis an dèidh an cur gu seilbh na stàite ann an 1948.