Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh còmhla ri Stiùirche Re-Store (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_06_GD
ÀITE
Bòrnais
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2859
KEYWORDS
ùrachadh àirneis
ath-chuartachadh

Get Adobe Flash player

Tha Niall Dòmhnallach na stiùiriche air Bòrd-stiùiridh Cothrom, am buidheann coimhearsnachd a bhios a' stiùireadh a' phròiseict Re-Store. Tha e a' toirt iomradh air dleastanasan an stiùiriche airson obair Cothrom gu coitcheann agus air cho cudromach 's a tha buidhnean saor-thoileach a tha an sàs ann am beatha coimhearsnachd eileanach.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

'S mise Niall Dòmhnallach. Tha mi nam stiùiriche air Cothrom. Tha Cothrom - 's e aonad trèanaidh 's ionnsachaidh a th' ann airson inbhich a tha stèidhichte ann an Uibhist a Deas. Tha mu ochdnar againn air a' bhòrd-stiùiridh, agus o latha gu latha bidh sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean a' dol gu math aig Cothrom, gu bheil a h-uile sgath a' ruith mar bu chòir. Bidh sinn a' dèanamh phlanaichean fad-ùine airson 's dòcha bliadhna mar sin. Eh, bidh sinn a' dèanamh planaichean leasachaidh airson Cothrom cuideachd, airson a' bhuidheann, agus bidh sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil na cosgaisean mar bu chòir. Bidh sinn a' coinneachadh mu aon uair sa mhìos, eh, fad na bliadhna, agus tha mi a' smaoineachadh dìreach gum bi sinn, tha sinn a' dèanamh cinnteach gu bheil sinn a' toirt taic dhan luchd-obrach againn airson na h-amasan a th' aig Cothrom a choileanadh.

Well, tha mu dusan luchd-obrach aig Cothrom agus tha a' mhòr-chuid dhiubh, tha iad stèidhichte, well tha iad stèidhichte ann an Staoinibrig, ann am Meadhan Uibhist. Ach tha dà aonad eile againn cuideachd, aonad ann an, aonad ann am Beinn na Faoghla, 's Loch Baghasdail, agus cuideachd ann an Eilean Bharraigh. Eh, tha daoine againn a tha sinn a' pàigheadh, ach cuideachd tha daoine, tha tutoran againn cuideachd a tha saor-thoileach. 'S tha an dà chuid againn, daoine a tha ag obair saor-thoileach agus daoine a th' air am pàigheadh airson an obair a tha iad a' dèanamh. Agus tron dorais againn sa bhliadhna tha mi cinnteach gu bheil mu dhà cheud gu leth oileanach air clàradh againn a h-uile bliadhna, is son a' mhòr-chuid tha iad a' dèanamh deagh adhartas air fad.

Well, 's e, tha Cothrom daonnan a' coimhead airson cùrsaichean a tha freagarrach 's a' coinneachadh ri feumalachdan nan eileanan. Agus, 's ann caran mar sin a thòisich Re-Store. Tha e mar phàirt de bhuidheann "Hi Hopes in the Highlands", agus, eh, thòisich e o chionn eh, chanainn eh, sia mìosan no mar sin. 'S e rud leis an can thu "iomairt sòisealta" a th' ann. Agus tha sin a' ciallachadh dìreach gun e gnìomhachas a th' ann, ach chan eil sinn a' coimhead airson prothaid mhòr sam bith - chan eil sinn a' coimhead airson prothaid idir. Tha e air a chur air bhonn airson adhbharan sòisealta. Agus na h-adhbharan a th' againn air a shon 's e dìreach trèanadh a thoirt do dh'inbhich anns a' choimhearsnachd. Agus 's e sin a tha sinn a' dèanamh. Tha inbhich a' dol a-staigh 's a' cuideachadh leis a' phròiseact a tha seo.

Well, thòisich Cothrom ann an naoi ceud deug naochad 's a dhà. Eh, bha boireannaich Staoinibrig, shìos ann an Staoinibrig mu Mheadhanan Uibhist. Bha feadhainn aca airson tilleadh a dh'obair. Ach bha iad a' faireachdainn gun robh cùrsaichean a dhìth orra son sgilean ùra ionnsachadh. Agus 's ann caran mar sin a thòisich iad. Bha na ciad chùrsaichean a bh' ann, 's ann an ... cùrsaichean a bha a dhìth aig an àm, 's e cùrsaichean mar a bha fuaigheal is tàillearachd, is figheadaireachd, is gnothaichean mar sin. Is bha beagan ann cuideachd de coimpiutaireachd is teicneòlas fiosrachadh - rudan a bha a' tòiseachadh aig an àm. So 's ann caran mar sin a thòisich iad.

Ach eh, agus 's ann caran mar sin a tha e fhathast - cùrsaichean sam bith a tha a dhìth sa choimhearsnachd, feuchaidh Cothrom rin tabhann no rin toirt seachad do dhuine sam bith a tha gan iarraidh. 'S tha sinn ag obair ann an dòigh - na dòighean obrach, tha iad gu math sùbailte. Eh, ma tha duine ag iarraidh ionnsachadh a h-aon gu h-aon 's urrainn dhuinn a dhèanamh, no ann am buidheann beag, no ma tha e airson ionnsachadh sam bith no seirbheisean a thairgsinn do ghnìomhachasan Uibhist dhèanadh sinn sin cuideachd.

Agus tha sin a' ciallachadh gu bheil, well - tha deagh àrainneachd ionnsachaidh anns na togalaichean againn ann am Beinn na Faoghla, Staoinibrig, Loch Baghasdail, agus Uibhist a Deas. 'S bidh sinn cuideachd a' dèanamh clasaichean oidhche coimhearsnachd ann an compàirteachas ri Comhairle nan Eilean Siar. 'S tha sin ag obrachadh math cuideachd. Tha e a' ciallachadh gum faod daoine an dèanamh sa choimhearsnachd aca fhèin, gun gluasad ro fhada, gu h-àraidh air feadh a' gheamhraidh nuair nach eil an aimsir cho math.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh còmhla ri Stiùirche Re-Store (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

ùrachadh àirneis; ath-chuartachadh

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices