Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Gordon Highlander' agus HR 103 air trèana aig Talla Kelvin, An t-Sultain 1959
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_003_622
ÀITE
Glaschu
DEIT
7 An t-Sultain 1959
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28594
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
'Gordon Highlander' and HR 103 on train at Kelvin Hall, September 1959

Gordon Highlander' agus HR 103 air trèana aig Talla Kelvin, ann an sgìre Phartaig de Ghlaschu, san t-Sultain 1959.

Chaidh anlocomotaibh a thogail ann an 1920 leis an Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus b' e seo fear de na locomotaihean mu dheireadh do luchd-siubhail a chaidh a dhealbhadh do Rèile Mòr Cheann a Tuath na h-Alba. B' e 'The Soldier' am far-ainm a bh' oirre seo agus chaidh a toirt à seirbheis ann an 1958. Chaidh a cleachdadh airson tursan rèile-smùid gu 1966 nuair a chaidh a cur a-steach do Thaigh-tasgaidh Còmhdhail Ghlaschu.

B' e a' chiad bhall de locomotaibhean 4-6-0 clas 'Big Goods' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 103. Chaidh a togail ann an 1894. An dèidh dhith a bhith air a' toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh dhith a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas às ùr gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1950 thill Rèile Bhreatainn air ais gu òrdugh làn obrachaidh i agus chur i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh aig HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Gordon Highlander' agus HR 103 air trèana aig Talla Kelvin, An t-Sultain 1959

1950an

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 3 (1948 to the present day)

Gordon Highlander' agus HR 103 air trèana aig Talla Kelvin, ann an sgìre Phartaig de Ghlaschu, san t-Sultain 1959.<br /> <br /> Chaidh anlocomotaibh a thogail ann an 1920 leis an Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an Glaschu agus b' e seo fear de na locomotaihean mu dheireadh do luchd-siubhail a chaidh a dhealbhadh do Rèile Mòr Cheann a Tuath na h-Alba. B' e 'The Soldier' am far-ainm a bh' oirre seo agus chaidh a toirt à seirbheis ann an 1958. Chaidh a cleachdadh airson tursan rèile-smùid gu 1966 nuair a chaidh a cur a-steach do Thaigh-tasgaidh Còmhdhail Ghlaschu. <br /> <br /> B' e a' chiad bhall de locomotaibhean 4-6-0 clas 'Big Goods' aig Rèile na Gàidhealtachd a bh' ann an 103. Chaidh a togail ann an 1894. An dèidh dhith a bhith air a' toirt a-mach à seirbheis ann an 1934 (an dèidh dhith a bhith air a h-ath-àireamhachadh 17916 an dèidh a' bhuidhneachaidh) chaidh a dèanamh suas às ùr gu a coltas agus a staid tùsail leis an LMS. Ann an 1950 thill Rèile Bhreatainn air ais gu òrdugh làn obrachaidh i agus chur i seachad ùine a' tarraing turais do dhaoine le ùidh anns an rèile. 'S i an aon locomotaibh aig HR a mhair agus faodar a faicinn ann an Taigh-tasgaidh a' Chòmhdhail ann an Glaschu.