Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loco clas 'Castle' neo-aithnichte le HR air trèana ann am Baile Chloichrigh
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_003_625
ÀITE
Baile Chloichrigh
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Maoilinn
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28597
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
An unidentified HR 'Castle' class loco on train at Pitlochry

Loco clas 'Castle' neo-aithnichte le Rèile na Gàidhealtachd air trèana luchd-siubhail a' dol gu tuath air uchdan ann am Baile Choichrigh.

Chaidh a' chiad dreach de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' aig Rèile na Gàidhealtachd a thoirt a-steach le Pàdraig Druiminn ann an 1900. Chaidh a' chiad sia (àir 140 gu 145) a thogail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear iad san Ògmhios a' bhliadhna sin. Fhuairear ceithir eile ((àir 146 gu 149), a chaidh a thogail le Dübs ann an Glaschu cuideachd, san Iuchar 1902 agus chaidh dhà eile (àir 30 agus 35) a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1910 agus 1911. Chaidh iad uile gu sealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite ann an 1948.

Chaidh an dàrna baidse de cheithir de dh'einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd rè ùine Frederick Mac a' Ghobhainn mar stiùireadair nan locomotaibhean. Chaidh an togail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn agus fhuairear iad ann an 1913. Àireamhaichte 26, 27, 28 agus 43 bha beagan atharrachaidhean orra bhon bhaidse roimhe. Nam measg sin bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus leudachadh air na bogsaicchean-toitee. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loco clas 'Castle' neo-aithnichte le HR air trèana ann am Baile Chloichrigh

PEAIRT: Maoilinn

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 1 (1855-1922)

Loco clas 'Castle' neo-aithnichte le Rèile na Gàidhealtachd air trèana luchd-siubhail a' dol gu tuath air uchdan ann am Baile Choichrigh.<br /> <br /> Chaidh a' chiad dreach de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' aig Rèile na Gàidhealtachd a thoirt a-steach le Pàdraig Druiminn ann an 1900. Chaidh a' chiad sia (àir 140 gu 145) a thogail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear iad san Ògmhios a' bhliadhna sin. Fhuairear ceithir eile ((àir 146 gu 149), a chaidh a thogail le Dübs ann an Glaschu cuideachd, san Iuchar 1902 agus chaidh dhà eile (àir 30 agus 35) a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1910 agus 1911. Chaidh iad uile gu sealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite ann an 1948.<br /> <br /> Chaidh an dàrna baidse de cheithir de dh'einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd rè ùine Frederick Mac a' Ghobhainn mar stiùireadair nan locomotaibhean. Chaidh an togail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn agus fhuairear iad ann an 1913. Àireamhaichte 26, 27, 28 agus 43 bha beagan atharrachaidhean orra bhon bhaidse roimhe. Nam measg sin bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus leudachadh air na bogsaicchean-toitee. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.