Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà loco a bha le HR roimhe ('Castle' agus 'Clan') air trèana faisg air Coille Chnagaidh
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_004_629
ÀITE
Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28601
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
Two ex-HR locos (a 'Castle' and a 'Clan') on train near Killiecrankie

Dà locomotaibh a bha le Rèile na Gàidhealtachd roimhe ('Castle' agus 'Clan') air trèana luchd-siubhail a' dol gu tuath an dèidh Coille Chnagaidh fhàgail. Tha Beinn a' Bhreacaidh ann an cùl an deilbh.

Chaidh a' chiad dreach de locomotaibhean luath luchd-siubhail clas 'Castle' aig Rèile na Gàidhealtachd a thoirt a-steach le Pàdraig Druiminn ann an 1900. Chaidh a' chiad sia (àir 140 gu 145) a thogail le Dübs ann an Glaschu agus fhuairear iad san Ògmhios a' bhliadhna sin. Fhuairear ceithir eile ((àir 146 gu 149), a chaidh a thogail le Dübs ann an Glaschu cuideachd,san Iuchar 1902 agus chaidh dhà eile (àir 30 agus 35) a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn ann an 1910 agus 1911. Chaidh iad uile gu sealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite ann an 1948.

Chaidh an dàrna baidse de cheithir de dh'einnseanan clas 'Castle' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd rè ùine Frederick Mac a' Ghobhainn mar stiùireadair nan locomotaibhean. Chaidh an togail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn agus fhuairear iad ann an 1913. Àireamhaichte 26, 27, 28 agus 43 bha beagan atharrachaidhean orra bhon bhaidse roimhe. Nam measg sin bha bufairean na b' fhaide, cuachan-mullaich na bu mhotha agus leudachadh air na bogsaicchean-toitee. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.

Chaidh an treas baidse de locomotaibhean luath luchd-siubhaill clas 'Castle' a thoirt a-steach le Rèile na Gàidhealtachd san earrach 1917. Chaidh trì einnseanan a thogail le Companaidh Locomotaibhean Ceann a Tuath Bhreatainn. Àireamhaichte 50, 58 agus 59, bha iad diofraichte bho na baidsichean roimhe oir bha cuibhlichean dràibhidh na bu motha annta, goileadairean beagan na b' fhaide agus einnseanan frithealaidh le sia cuibhlichean. Chaidh iad uile do shealbh LMS agus chaidh iad uile a thoirt a-mach à seirbheis mus deach an rèile do sheilbh na stàite.

'S e an clas 'Clan' de dh'einnseanan 4-6-0 luchd-siubhail an clas mu dheireadh de locomotaibh a chaidh a thogail dha Rèile na Gàidhealtachd. Air an dealbhachadh le Crìsdean Cuimein fhuairear a' chiad ceithir (àireamhaichte 49,51, 52 & 53) ann an 1919 agus fhuairear ceithir eile (àireamhaichte 54 gu 57) ann an 1921. Air an togail le Hawthorn Leslie & Co sa Chaisteal Nuadh, mhair a h-uile ball den chlas do shealbh LMS ach cha robh ach aon fhathast ag obrachadh an dèidh dha Rèile Bhreatainn a bhith air a chruthachadh (HR 55 roimhe agus LMS 14767 'Clan Mackinnon').

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà loco a bha le HR roimhe ('Castle' agus 'Clan') air trèana faisg air Coille Chnagaidh

PEAIRT: Blàr Athall

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 2 (1923-1947)