Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loco clas 'River' neo-aithnichte a bha le HR roimhe air trèana faisg air Coille Chnagaidh
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_004_630
ÀITE
Coille Chnagaidh
SGÌRE
A' Ghàidhealtachd / Siorrachd Pheairt
SIORRACHD/PARRAIST
PEAIRT: Blàr Athall
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28602
KEYWORDS
locomotaibhean
trèanaichean
An unidentified ex-HR 'River' class loco on train near Killiecrankie

Loco clas 'River' neo-aithnichte a bha le Rèile na Gàidhealtachd roimhe air trèana faisg air Coille Chnagaidh.

Chaidh sia 4-6-0 locomotaibhean clas 'River' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd bho Hawthorn Leslie. Fhuairear a' chiad dhà (70 'River Ness' agus 71 'River Tay') san t-Sultain 1915 ach bha e follaiseach sa bhad gun robh iad ro throm airson drochaidean agus a' chuid mhòr de loidhnichean Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh iad sin agus na ceithir einnseanan eile a reic ri Rèile Chaledonia far an deach an àireamhachadh 938 gu 943. An dèidh 1923, neartaich an LMS a' phrìomh loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt agus mar sin dh'obraich na locothan air loidhnichean na Gàidhealtachd mu dheireadh thall. Dh'adhbhraich am fàilligeadh mun cuairt a' chlas 'River' gun do leig Freadaraig Mac a' Ghobhainn dheth a dhreuchd mar Phrìomh Einnseanair Meacanaigeach. Bha e air a bhith san dreuchd bhon 1912.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loco clas 'River' neo-aithnichte a bha le HR roimhe air trèana faisg air Coille Chnagaidh

PEAIRT: Blàr Athall

locomotaibhean; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 4 (miscellaneous)

Loco clas 'River' neo-aithnichte a bha le Rèile na Gàidhealtachd roimhe air trèana faisg air Coille Chnagaidh.<br /> <br /> Chaidh sia 4-6-0 locomotaibhean clas 'River' òrdachadh le Rèile na Gàidhealtachd bho Hawthorn Leslie. Fhuairear a' chiad dhà (70 'River Ness' agus 71 'River Tay') san t-Sultain 1915 ach bha e follaiseach sa bhad gun robh iad ro throm airson drochaidean agus a' chuid mhòr de loidhnichean Rèile na Gàidhealtachd. Chaidh iad sin agus na ceithir einnseanan eile a reic ri Rèile Chaledonia far an deach an àireamhachadh 938 gu 943. An dèidh 1923, neartaich an LMS a' phrìomh loidhne eadar Inbhir Nis agus Peairt agus mar sin dh'obraich na locothan air loidhnichean na Gàidhealtachd mu dheireadh thall. Dh'adhbhraich am fàilligeadh mun cuairt a' chlas 'River' gun do leig Freadaraig Mac a' Ghobhainn dheth a dhreuchd mar Phrìomh Einnseanair Meacanaigeach. Bha e air a bhith san dreuchd bhon 1912.