Ùrachadh mu Dheireadh 27/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Biadh Innse Ghall: Aithriseachd mu Thaigh-smocaidh (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_07_GD
ÀITE
Loch Euphort
SGÌRE
Uibhist a Tuath
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Tuath
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2863
KEYWORDS
giullachd èisg
giullachd bìdh

Get Adobe Flash player

Tha an Hebridean Smokehouse an Uibhist a Tuath a' giullachd bhradan agus biadhan eile airson margaidh chruinneil. Tha an aithriseachd seo a' sealltainn deasachadh agus pacadh a' bhìdh.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Tha an Hebridean Smokehouse ann an Clachan na Lùib, ann an Uibhist a Tuath. 'S e bradan am bathar as cudromaiche a bhios e a' reic, ged a bhios e gabhail gnothach ri creachann agus breac cuideachd. Tha iad air an reic air feadh an t-saoghail, le òrdain a' tighinn bho dhùthchannan fad air falbh, leithid Ameireagaidh agus Iapan. Ged a tha a' chuid as motha dhen obair air a dèanamh tron phost, tha na dorsan daonnan fosgailte do luchd-tadhail a tha ag iarraidh an obair fhaicinn.

Tha a' chuid as motha dhen obair air a dèanamh ann an dà sheòmar eadar-dhealaichte.

Anns an t-seòmar fhliuch thèid am bradan a dhèanamh deiseil airson smocadh. Tha feum air grunn rudan a dhèanamh.

An toiseach, thèid na h-èisg a ghlanadh agus a sgoltadh.

Thèid sgian bhiorach a chleachdadh airson an t-iasg a ghearradh.

An uair sin thèid salann a chur air an iasg. Tha seo a' toirt an uisge a-mach, agus cuidichidh sin leis a ghleidheadh.

An uair sin, thèid a ghlanadh a-rithist, agus thèid iad troimhe airson a luach a mheasadh.

Ma bhios e math gu leòr thèid a smocadh an uair sin.

Tha a' mhòine air a bhith na connadh nàdarrach ann an Uibhist fad linntean. Mar as àbhaist tha i air a gearradh tràth san earrach, agus air a fàgail airson tiormachadh tron t-sàmhradh mus tèid a toirt a-steach.

Airson an t-iasg a smocadh thèid a briseadh suas ann am pìosan beaga.

Thèid a cur sa bhocsa-teine an uair sin, far am bi i ga losgadh gu mall.

Tha i ga losgadh le àileadh sònraichte a bheir blas dhan iasg.

Tha an teine air a chumail eadar 20 agus 28 Celsius, agus thèid an t-iasg a smocadh fad suas gu 20 uair an uaireadair.

Thèid an t-iasg a chur san àmh tro dhorsan a tha a' fosgladh bhon t-seòmar fhliuch. Às dèidh a smocadh thèid a thoirt a-mach tro dhorsan a tha a' fosgladh air an t-seòmar thioram. Seo far a bheil na ceumannan mu dheireadh dhen deasachadh gan dèanamh. Feumaidh a h-uile rud anns an t-seòmar thioram a bhith gu tur glan.

Às dèidh dha bhith air a smocadh thèid an t-iasg a ghearradh ann an slisean, mus tèid a phacadh.

A rèir na tha a dhìth, gabhaidh na slisean cur ann am pacaidean ann an diofar dhòighean.

Uaireannan cuiridh iad na slisean air ais ri chèile airson an reic.

Às dèidh dha a bhith air a phacadh tha an t-iasg deiseil airson a chur bhon eilean gu luchd-ceannaich ann an àiteachan eile ann am Breatainn agus air feadh an t-saoghail.

Tha bùth bheag aca air an làrach cuideachd.

Bidh muinntir nan eilean agus luchd-tadhail samhraidh a' tighinn a-steach gu cunbhalach airson iasg a cheannach.

Mar sin 's e eisimpleir inntinneach a th' anns an Smokehouse de ghnìomhachas a tha stèidhichte gu daingeann air an eilean.

Ach aig an aon àm bidh iad a' coimhead a-mach air an t-saoghal air fad le misneachd, agus deagh fhios aca gu bheil iad a' tabhann blas sònraichte agus eòlas a tha a' buntainn dha na h-Innse Gall a-mhàin.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Biadh Innse Ghall: Aithriseachd mu Thaigh-smocaidh (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Tuath

2000an

giullachd èisg; giullachd bìdh

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices