Ùrachadh mu Dheireadh 22/06/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Dunrobin' ann am Bun Ilidh, Am Màrt 1950
EXTERNAL ID
PC_HRS_TRAINS_004_659
ÀITE
Bun Ilidh
SGÌRE
Cill Donnan, Loth agus Clìn
SIORRACHD/PARRAIST
CATAIBH: Cill Donnain
DEIT
Am Màrt 1950
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Comunn Rèile na Gàidhealtachd
AITHNEACHADH MAOINE
28630
KEYWORDS
locomotaibhean
Comann Rèile na Gàidhealtachd
HRS
trèanaichean
'Dunrobin' at Helmsdale, March 1950

'Dunrobin' ann am Bun Ilidh sa Mhàrt 1950. Tha Maighstir an Stèisein agus an Gafair Fiotair nan seasamh air beulaibh an locomotaibh.

B' e einnsean tanca 0-4-4 a chaidh a thogail dhan 4mh Diùc Chataibh le Sharp Stewart & Co ann an 1895 a bh' ann an 'Dunrobin'. Bha i air a' cleachdadh airson trèana an Diùc a tharraing eadar Caisteal Dhùn Robain agus Inbhir Nis. Bha dà choidse aig an Diùc cuideachd, sailiùn le ceithir chuibhlichean agus sailiùn bògaidh. A dh'aindeoin 's ged nach robh i a-riamh ann an seilbh Rèile na Gàdhealtachd tha an locomotaibh co-cheangailte ris an loidhne.

Thug Rèile Bhreatainn còir an Diùc a thrèana a ruith air falbh ann an 1949 agus mar sin chaidh an locomotaibh agus an dà choidse a reic. Chaidh an loco agus an coidse le ceithir chuibhlichean a reic ri Caiptean Howey agus chaidh an taisbeanadh mar thaisbeanaidh neo-ghluasadach ann an New Romney air Rèile Romney, Hythe agus Dymchurch ann an Kent. Thug an ath neach leis an robh iad a Chanada iad far an do dh'fhuirich iad gu 2011 nuair a chaidh an ceannach le Taigh-tasgaidh Beamish, ann an Siorrachd Durham. Nuair a chaidh seo a sgrìobhadh (An t-Ògmhios 2011) tha an taigh-tasgaidh an dùil 'Dunrobin' a dhèanamh suas às ùr gus am bi i ann an òrdugh obrachaidh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Dunrobin' ann am Bun Ilidh, Am Màrt 1950

CATAIBH: Cill Donnain

1950an

locomotaibhean; Comann Rèile na Gàidhealtachd; HRS; trèanaichean

Comunn Rèile na Gàidhealtachd

Highland Railway Society - Trains 3 (1948 to the present day)

'Dunrobin' ann am Bun Ilidh sa Mhàrt 1950. Tha Maighstir an Stèisein agus an Gafair Fiotair nan seasamh air beulaibh an locomotaibh.<br /> <br /> B' e einnsean tanca 0-4-4 a chaidh a thogail dhan 4mh Diùc Chataibh le Sharp Stewart & Co ann an 1895 a bh' ann an 'Dunrobin'. Bha i air a' cleachdadh airson trèana an Diùc a tharraing eadar Caisteal Dhùn Robain agus Inbhir Nis. Bha dà choidse aig an Diùc cuideachd, sailiùn le ceithir chuibhlichean agus sailiùn bògaidh. A dh'aindeoin 's ged nach robh i a-riamh ann an seilbh Rèile na Gàdhealtachd tha an locomotaibh co-cheangailte ris an loidhne.<br /> <br /> Thug Rèile Bhreatainn còir an Diùc a thrèana a ruith air falbh ann an 1949 agus mar sin chaidh an locomotaibh agus an dà choidse a reic. Chaidh an loco agus an coidse le ceithir chuibhlichean a reic ri Caiptean Howey agus chaidh an taisbeanadh mar thaisbeanaidh neo-ghluasadach ann an New Romney air Rèile Romney, Hythe agus Dymchurch ann an Kent. Thug an ath neach leis an robh iad a Chanada iad far an do dh'fhuirich iad gu 2011 nuair a chaidh an ceannach le Taigh-tasgaidh Beamish, ann an Siorrachd Durham. Nuair a chaidh seo a sgrìobhadh (An t-Ògmhios 2011) tha an taigh-tasgaidh an dùil 'Dunrobin' a dhèanamh suas às ùr gus am bi i ann an òrdugh obrachaidh.