- TIOTAL
- 'Dunrobin' agus LMS 14409 'Ben Alisky' ann am Bun Ilidh, Am Màrt 1950
- EXTERNAL ID
- PC_HRS_TRAINS_004_660
- ÀITE
- Bun Ilidh
- SGÌRE
- Cill Donnan, Loth agus Clìn
- SIORRACHD/PARRAIST
- CATAIBH: Cill Donnain
- DEIT
- Am Màrt 1950
- LINN
- 1950an
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Comunn Rèile na Gàidhealtachd
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28631
- KEYWORDS
- locomotaibhean
trèanaichean
'Dunrobin' agus LMS 14409 'Ben Alisky' ann am Bun Ilidh sa Mhàrt 1950. Chithear an t-seada bathair air cùlaibh an locomotaibh agus tha an clàr-tionndaidh ri aghaidh an deilbh.
B' e einnsean tanca 0-4-4 a chaidh a thogail dhan 4mh Diùc Chataibh le Sharp Stewart & Co ann an 1895 a bh' ann an 'Dunrobin'. Bha i air a' cleachdadh airson trèana an Diùc a tharraing eadar Caisteal Dhùn Robain agus Inbhir Nis. Bha dà choidse aig an Diùc cuideachd, sailiùn le ceithir chuibhlichean agus sailiùn bògaidh. A dh'aindeoin 's ged nach robh i a-riamh ann an seilbh Rèile na Gàdhealtachd tha an locomotaibh co-cheangailte ris an loidhne.
Thug Rèile Bhreatainn còir an Diùc a thrèana a ruith air falbh ann an 1949 agus mar sin chaidh an locomotaibh agus an dà choidse a reic. Chaidh an loco agus an coidse le ceithir chuibhlichean a reic ri Caiptean Howey agus chaidh an taisbeanadh mar thaisbeanaidh neo-ghluasadach ann an New Romney air Rèile Romney, Hythe agus Dymchurch ann an Kent. Thug an ath neach leis an robh iad a Chanada iad far an do dh'fhuirich iad gu 2011 nuair a chaidh an ceannach le Taigh-tasgaidh Beamish, ann an Siorrachd Durham. Nuair a chaidh seo a sgrìobhadh (An t-Ògmhios 2011) tha an taigh-tasgaidh an dùil 'Dunrobin' a dhèanamh suas às ùr gus am bi i ann an òrdugh obrachaidh.
Chaidh 14409 (HR 13 roimhe) a thogail aig Ionad-obrach Loch Gorm aig Rèile na Gàidhealtachd fhèin ann an Inbhir Nis ann an 1900. B' e ball den chlas de locomotaibhean air a bheil a-nis le chèile na 'Small Bens' a bh' innte. Lean i ann an seirbheis gus an deach a toirt a-mach à seirbheis sa Ghiblean 1950.