Ùrachadh mu Dheireadh 22/05/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Biadh Innse Ghall: Agallamh air Slàinte Àrainneachd (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_08_GD
ÀITE
Baile Mhanaich, Beinn a' Bhaghla
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2867
KEYWORDS
làimhseachadh bìdh

Get Adobe Flash player

Tha Alasdair MacEachainn na Oifigear Slàinte Àrainneachd ann am Beinn a' Bhaoghla. Tha e a' toirt iomradh air na tha an lùib a chuid obrach a thaobh foghlam agus cur rudan an gnìomh an co-cheangal ri làimhseachadh agus giullachd bìdh.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Is mise Alasdair MacEachainn. Tha mi, um, às an Àird, Beinn na Faoghla. Tha mi ag obair aig Comhairle nan Eilean Siar mar oifigear, tha mi a' creidsinn, oifigear àrainneachd - Environmental Health Officer a chanas iad ris an obair a tha mi a' dèanamh. Tha e a' toirt a-staigh mòran ghnothaichean a tha caran ceangailte ris an àrainneachd 's ris a' choimhearsnachd 's, tha um, obair sàbhailteachd is riaghailtean de dh'iomadach seòrsa. Tha sinne a' coimhead às a dhèidh sa choimhearsnachd a tha seo.

Anns an latha a th' ann an-diugh tha gnothaichean air atharrachadh gu mòr on a thòisich mise an toiseach nuair a thrèan mi fhìn airson an obair a tha seo a-nist, tha, beagan is deich air fhichead bliadhna air ais. Agus tha mi cinnteach gun ann anns na deich bliadhna a chaidh seachad gu h-àraid tha tòrr mòr dhen ùine againn a-nist air a chur seachad ceangailte ris na riaghailtean a th' ann a thaobh làimhseachadh is deisealachadh bìdh.

Well, tha an t-uamhas de ghnothaichean a-nist a' tighinn a-mach gu h-àraid, well a' tòiseachadh às, on Roinn-Eòrpa is a-nuas on riaghaltas againn fhìn, agus chun riaghaltas ionadail mar gum bitheadh. Agus tha trèanadh a' tighinn a-staigh dhan ghnothach. Tha na h-àiteachan far am bithear a' deisealachadh a' bhìdh fhèin - feumar coimhead gu mionaideach riutha sin co-dhiù thathar gan togail as ùr no 's e àiteachan far a bheilear, air a bheilear a' cleachdadh o chionn bhliadhnaichean. Thèid sin suas gu ìre, tha, tha mar gum biodh, air an cur mu choinneamh airson an seòrsa bìdh a tha iad a' dèanamh. Tha a-rithist, tha, tha tòrr mòr dhen ùine againn air a chur seachad a' toirt fiosrachadh seachad, 's a' toirt comhairle seachad dha na daoine sin a bharrachd air a bhith a' ruith chùrsaichean, mar gum biodh, a tha air an deisealachadh is air an sgrìobhadh, is tha iad a' dèanamh deuchainnean is gnothaichean mar sineach airson, tha, gum faigh iad air adhart, 's gum faigh iad eòlas air na riaghailtean a tha ceangailte ri obair bìdh.

Tha e air a chur a-mach, tha, a rèir, canaidh sinn sa Bheurla co-dhiù, "risk assessment". 'S tha sin an uair sin a' toirt a-staigh, tha, gu dè seòrsa obair a tha, a thathar a' dèanamh 's tha iad a' coimhead air iomadach gnothach ceangailte ris, ris an àite fhèin, ris an seòrsa biadh a tha iad a' dèanamh. Agus tha e air obrachadh a-mach co-dhiù tha iad sineach a' tighinn a-staigh fo "high risk" no "low risk" agus a rèir sin fhèin tha e, mar gum biodh, a'dearbhadh dè cho tric 's a dh'fheumas sinne a dhol a-staigh dha na h-àiteachan sin agus sùil a thoirt timcheall agus dèanamh cinnteach gu bheil gnothaichean a' ruith mar a tha còir.

Tha iomadach seòrsa cùrsa air a dheisealachadh 's air a sgrìobhadh. A-rithist, tha e ann an dòigh air a ruith 's air a riaghladh san aon dòigh 's a tha na togalaichean 's an seòrsa obair a thathar a' dèanamh. Eh, far a bheil daoine an sàs ann an obair, ma dh'fhaoidte, a tha buailteach air a bhith nas cunnartaiche, mar a chanadh tu "high risk", tha e mar fhiachaibh orra sineach trèanadh a tha rud beag nas mionaidiche 's nas adhartaiche a dhèanamh seach feadhainn, ma dh'fhaoidte, a tha ag obair ann an seòrsa obair a tha, nach eil buailteach air a bhith cho cunnartach, mar gum bitheadh.

Um, ma dh'fhaodas mi eisimpleir a thoirt seachad, tha diofar eadar, ma dh'fhaoidte, daoine a tha a' toirt seachad tì is briosgaidean seach daoine a tha a' deisealachadh, ma dh'fhaoidte, biadh a tha deiseil airson ithe gun a bhith air a bhruich, ma dh'fhaoidte, an dèidh sibh dhol dhachaigh no rud air choreigin mar sin. Tha rudan a thathar a' dèanamh anns na h-eileanan seo fhèin, a tha ag obair an lùib maorach is iasg, co-dhiù nuair a thathar a' smocadh iasg. Sin an seòrsa biadh ma dh'fhaoidte far a bheil thu, tha, ag ithe a' bhìdh a tha sin dìreach mar a bheir thu a-mach às a' chèis e. Agus sin ma dh'fhaoidte, mar a bha mi ag ràdh, eisimpleirean eadar "low risk" is "high risk". Is tha an trèanadh e fhèin a' dol a rèir sin fhèin. Ma dh'fhaoidte nach eil uiread de trèanadh a dhìth air daoine a tha ag obair an lùib biadh a tha buailteach air a bhith nas sàbhailte na biadh eile mura bheil e air a làimhseachadh ceart.

Well, tha sinn an dòchas - tha e a' toirt cothrom dha na daoine sin, tha, fiosrachadh fhaighinn air gu dè tha mar fhiachaibh orra a dhèanamh. Tha mi cinnteach mura, mura bi for acasan, agus mura cùm iad ris na riaghailtean a tha sin, dh'fhaodadh e, tha mi a' creidsinn aig deireadh an latha, cur às dhan ghnìomhachas aca fhèin, gu h-àraid ma gheibh duine tinneas air choreigin às a' bhiadh a tha iad a' deisealachadh, 's ma nithear a-mach nach robh iad a' gabhail diù sam bith às na riaghailtean. Nist, tha mi a' creidsinn air aon làimh - tha e doirbh do dhaoine a tha trang anns an obair latha aca mòran ùine fhaighinn airson rannsachadh a dhèanamh air na gnothaichean a tha sin. Ged a bhiodh barrachd ùine aca, a bheil fios aca cà' am faigh iad am fiosrachadh a tha sin? Air an taobh sin, tha mi cinnteach, tha sinne a' dèanamh sin nas fhasa dhaibhsan - gu bheil sinn fhèin a' cumail suas ris na riaghailtean, gu bheil sinn ag innse sin dhaibh. Um, air an làimh eile, tha mi a' creidsinn gum feum sinn for a bhith againn air an fheadhainn a tha a' ceannach 's ag ithe a' bhìdh. 'S ann às an sin, ma dh'fhaoidte, a tha an riaghaltas a' tighinn, mar gum bitheadh - beagan de "consumer protection" 's gu bheil fios agaibhse, nuair a tha sibh a' ceannach biadh agus ag ithe biadh, gu bheil na riaghailtean a tha sineach air, mar gum bitheadh, buaidh fhaighinn air a' ghnìomhachas ann an dòigh 's gu bheil am biadh sàbhailte.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Biadh Innse Ghall: Agallamh air Slàinte Àrainneachd (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

làimhseachadh bìdh

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices