Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Biadh Innse Ghall; Aithriseachd air Taisbeanadh Còcaireachd (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_09_GD
ÀITE
Dalabrog
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2871
KEYWORDS
ullachadh bìdh

Get Adobe Flash player

Bha oidhche 'Blas Uibhist' air a cur air dòigh leis a' bhuidheann coimhearsnachd Ceòlas ann an Uibhist a Deas gus cliù biadh an àite a chomharrachadh cho math ris a' cheòl. Bha luchd-dèanamh bìdh an àite a' tairgsinn bhlasadan den cuid bìdh, cho math ri òstair ainmeil a bhith a' dèanamh taisbeanadh còcaireachd. Thàinig an oidhche gu crìch le ceòl laghach bhon sgìre. Chaidh an gnothach a chumail sa Ghàidhlig le eadar-theangachadh mar-aon don Bheurla.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Aon Oidhche Haoine sna saor-làithean as t-samhradh tha muinntir an àite agus luchd-tadhail a' cruinneachadh ann an Talla Naoimh Pheadair ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, airson tachartas neo-àbhaisteach. Tha a' bhuidheann choimhearsnachd, Ceòlas, a' cur seachad oidhche shònraichte gus blasad a thairgsinn de bhiadh agus de cheòl an àite.

Tha e a' tòiseachadh le cothrom airson a h-uile duine blasad fhaighinn dhen bhiadh a tha ri fhaotainn anns na h-Eileanan Siar. Tha Maclean's Bakery stèidhichte ann am Beinn na Faoghla, ged a gheibhear am bathar ann am bùithtean air feadh Uibhist agus nas fhaide air falbh. Tha an Hebridean Smokehouse suidhichte ann an Uibhist a Tuath. Tha Salar, a tha cuideachd a' dèiligeadh le bradan, stèidhichte ann an Uibhist a Deas. Agus tha Kallin Shellfish suidhichte ann an Griomasaigh.

Às dèidh a' "bhlasaid bhig" thig an "dìnnear mhòr" - taisbeanadh de chòcaireachd a tha a' cleachdadh biadh nan eilean seo.

Tha e air a thoirt seachad gu tur ann an Gàidhlig, ach tha fònaichean-cluaise rim faotainn aig an doras airson duine sam bith a dh'iarras eadar-theangachadh gu Beurla. 'S e Màiri NicAonghais bean an taighe.

Tha na riaghailtean a' ràdh nach fhaod am biadh a bhith a-mach uabhasach fada. So, an ceann treiseag bheag eile bidh iad a' tòiseachadh air a chur air falbh. Ma tha duine ag iarraidh tuilleadh, 's e seo an t-àm a dhol suas airson beagan a bharrachd.

'S e Mary Ellen Stiùbhart a nì an t-eadar-theangachadh.

Chan e na riaghailtean a tha ag ràdh idir gu bheil an deoch ... nach fhaod sibh an deoch a ghabhail. Tha mi a' smaoineachadh gur dòcha gu bheil glainne no dhà eile thall ann a shiud ma tha duine ag iarraidh fìon. Agus às dèidh sin bidh sinn dìreach a' tòiseachadh.

Agus a-nochd tha sinn a' toirt thugaibh tè nach - tha mi cinnteach - eil fhios aig a h-uile duine cò th' ann an Iseabail Graham co-dhiù. Tha i tric gu leòr air an rèidio, tric, tha i air a bhith air an telebhisean triop no dhà, agus tha sinn uile - ged nach eil sinn gu tric ga faicinn thaobh 's tha i slaving over a hot stove a h-uile latha 's a h-uile h-oidhche - agus tha sinn uile eòlach air cho math 's a tha i air còcaireachd biadh Gàidhealach agus biadh an àite fhèin. 'S a-nochd tha i dìreach a' dol a thoirt dhuinn blasad beag agus chì sinn mar a tha iad ga dhèanamh.

Mar a bhiodh an dùil, tha àite sònraichte aig biadh na mara anns na h-eileanan. Bidh Iseabail a' cleachdadh tòrr èisg agus maorach, mar eisimpleir sgait-mhanaich air a h-ùr-ghlacadh, no bradan air a smocadh, no creachann - no 's dòcha gun cuir i còmhla iad uile.

Tha a h-uile duine a' leantail na tha i a' dèanamh gu dlùth.

Tha a' chrùbag cudromach cuideachd, agus a' còrdadh ri mòran.

Fhad 's a tha an oidhche a' dol seachad gheibh a h-uile duine blasad de chòcaireachd Iseabail. Gabhaidh fiù 's Mary Ellen beagan fois. Tha am biadh air a thoirt seachad am measg na tha san èisteachd, agus gheibh an stiùiriche ciùil aig Ceòlas, Iain Dòmhnallach, a shuipear cuideachd. An uair sin tha facal no dhà aig Màiri mus tòisich an ceòl.

Well, chan urrainn dhuinn a ràdh ach ceud mìle taing do dh'Iseabail, agus ged a tha an duine a tha air aghaidh a' ghnothaich ag obair cruaidh tha mòran de dh'obair a' dol air cùl rudan cuideachd.

Cha b' urrainn dhuinne an oidhche a-nochd a chur air adhart gun cuideachadh a fhuair sinn bho na daoine a tha a' toirt seachad a' bhìdh. Chaidh am biadh air fad a thoirt seachad an asgaidh, agus 's e rud mòr a tha sin.

A-rithist cuimhnichibh gur e biadh an àite fhèin am biadh as fheàrr a th' ann, agus gum bu chòir dhuinn a bhith dèanamh barrachd feum dheth, ga cheannach nas trice.

Oidhche mhath leat, Iseabail, ach chì sinn a-rithist thu. Many thanks indeed.

Airson crìoch a chur air a' ghnothach cluichidh Iain Dòmhnallach port na dhà cuide ri luchd-ciùil eile às an àite fhèin agus à àiteachan eile. Tha Iain, a tha a' fuireach ann am Beinn na Faoghla, ainmeil air feadh an t-saoghail mar neach-ciùil Albannach, an dà chuid air a' phìob agus air an duiseal. Ann a sheo, na choimhearsnachd fhèin, 's urrainn dha fois a ghabhail cuide ri caraidean. Bhiodh e doirbh smaoineachadh air dòigh nas fheàrr na sin airson crìoch a chur air lòn math slànmhor.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Biadh Innse Ghall; Aithriseachd air Taisbeanadh Còcaireachd (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

ullachadh bìdh

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices