Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aithriseachd mu sgoil-chiùil shamhraidh Ceòlas (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_11_GD
ÀITE
Dalabrog
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2879
KEYWORDS
ceòl
foghlam

Get Adobe Flash player

Tha sgoil-chiùil Ceòlas ga cumail gach bliadhna ann an Uibhist a Deas. Tha i ag amas air ceòl agus dannsa traidiseanta a thoirt còmhla ann an suidheachadh coimhearsnachd. Tha ceanglaichean làidir aice ri taoitearan bho Cheap Bhreatainn ann an Alba Nuadh, far an deach seann stoidhlichean fìdhlearachd agus dannsa ceum na h-Alba a ghleidheadh. Tha an sgoil a' tàladh oileanach bho air feadh an t-saoghail.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Air taobh an Iar Uibhist a Deas tha na tràighean a' dol bho dheas gu tuath airson mìle as dèidh mìle. Chun an ear chìthear na beanntan thairis air flùraichean a' mhachaire. Agus aig bun nam beann tha Dalabrog, a tha mar dhachaigh dhan sgoil chiùil Ghàidhlig, Ceòlas.

Bidh Ceòlas air a ruith ann an Sgoil Dhalabroig airson seachdain tràth san Iuchar a h-uile bliadhna. Bidh oileanaich a' tighinn às gach ceàrnaidh dhen t-saoghal airson pàirt a ghabhail san dòigh-beatha cheòlmhor aig a' choimhearsnachd bhig seo anns na h-Eileanan Siar.

Tha an sgoil air a bhith a' ruith fad deich bliadhna a-nis, agus tha tòrr oileanach air tighinn bliadhna às dèidh bliadhna, agus iad air caraidean ùra fhaighinn. Tha an t-àite- bidhe gu math trang eadar na clasaichean, le oileanaich a' cur fàilte air a chèile agus ag innse naidheachdan anns an dà chuid Beurla agus Gàidhlig.

Bidh fàilte chrìdheil air daoine ùra cuideachd. Tha Ruairidh MacIllEathain, a tha ann airson a' chiad turais mar oileanach, stèidhichte ann an Inbhir Nis.

Tha Dale Cummings à Seattle anns na Stàitean Aonaichte. Thàinig e an toiseach o chionn ochd bliadhna, agus tha e air a bhith ann a h-uile bliadhna on uair sin.

Tha ceangal làidir aig an sgoil leis a' choimhearsnachd. Tha Màiri NicAonghais na cathraiche dhen chomataidh a tha a' cur na sgoile air dòigh a h-uile bliadhna.

An dèidh dhaibh beagan fois fhaighinn, feumaidh na h-oileanaich tilleadh dha na clasaichean. Tha Gàidhlig gu math cudromach ann an obair làitheil na sgoile. A bharrachd air sin bidh na h-oileanaich a' taghadh dà chuspair ciùil. Bidh sin a' toirt a-steach na fìdhle, le buaidh Cheap Breatainn a' nochdadh gu math làidir, a bharrachd air a' mheur-chlàr. Bidh tòrr a' taghadh òran Gàidhlig. Agus, gu dearbh, chan e sgoil chiùil Uibhisteach a bhiodh ann gun phìobairean. Tha dannsa air a theagasg cuideachd, gu h-àraid an seann stoidhle de dhannsa-ceum a tha fhathast gu math beò fallain ann an Ceap Breatainn.

'S e obair chruaidh a th' ann an ionnsachadh, agus faodaidh e pathadh a chur ort. Nuair a bhios na clasaichean deiseil san sgoil bidh cuid a' cumail orra san taigh-òsta as fhaisge orra. Ach tha Ceòlas cudromach dhan choimhearsnachd air fad, le sreath de thachartasan a' dol ann air an oidhche fad na seachdaine. Aig deireadh an latha tha busaichean ann airson na h-oileanaich a thoirt dhan ath rud - cèilidh, no consairt, no sgrìob air a' mhachair. Agus, aig deireadh an latha, feumaidh fiù 's na pìobairean beagan fois a ghabhail.

Air Oidhche Chiadain tha dannsa air a chumail air Èirisgeigh. Tha cabhsair ann a-nis. Mar sin, chan eil leisgeul sam bith airson a sheachnadh.
Tha còmhlan a' bhaile a' cluich mar-thà nuair a ruigeas na h-oileanaich. Airson an fheadhainn nach eil eòlach air na dannsaichean thèid am mìneachadh fhad 's a tha an ceòl a' dol.

Fhad 's a tha an dorchadas a' tighinn nas fhaisge tha an ceòl ag atharrachadh, agus tha cothrom aig na tidsearan agus aig na h-oileanaich an sgilean ann an dannsa-ceum a shealltainn. 'S dòcha gur e a bhith a' toirt air ais seann stoidhle de chiùil agus de dhannsa Albannach do choimhearsnachd làn Gàidhlig an rud as cudromaiche a tha Ceòlas a' dèanamh.

Tha e ag adhbharachadh ùidh mhòr am measg an fheadhainn a tha fortanach gu leòr fhaicinn. Ach, fhad 's a tha a' ghrian a' dol fodha san iar, ann am meadhan na seachdaine, tha fios aig a h-uile duine gu bheil fada a bharrachd ri ionnsachadh fhathast.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aithriseachd mu sgoil-chiùil shamhraidh Ceòlas (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

ceòl; foghlam

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices