Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Plana de Chala Inbhir Nis, 1729
EXTERNAL ID
PC_IHT_001
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
DEIT
1729
NEACH-FIOSRACHAIDH
Inverness Harbour Trust
AITHNEACHADH MAOINE
28794
KEYWORDS
Cala Inbhir Nis
calaidhean
daingneachd
Oilibhear Crombail
Seann Chidhe
Cidhe an Daingneachd
Cidhe Thornbush
Urras Cala Inbhir Nis

Tha plana de Chala Inhbir Nis a' dol air ais gu 1729 air a shealltainn an seo. Tha Abhainn Nis air a sealltainn anns a' mheadhan agus chithear diagram den t-seann dhaingneach aig a' mhullach gu clì. Chaidh an daingneach, a thog Oilibhear Crombail ann an 1652-58, a leagail gu talamh ann an 1660.

Chaidh a' chiad cidhe a thogail ann an Inbhir Nis c. 1650 aig cosgais £300. Tha seo air a shealltainn air a' phlana mar 'The Old Harbour' (meadhan gu deas). Suidhichte eadar Drochaid Waterloo agus Drochaid an Rèile dh'fhaodadh soithichean suas gu 80 tunnaichean docaigeadh. Chaidh tòiseachadh air Cidhe an Daingnich, air a shealltainn air a' phlana mar 'The New Harbour' (gu deas air an Daingneach), ann an 1725 aig Sràid a' Chladaich, ach cha deach crìoch a chur air gu na 1790an air sgàth dìth maoin. Chaidh leasachaidhean a dhèanamh air an dà chidhe tràth anns an 19mh linn agus chaidh Cidhe Thornbuash a chur ris ann an 1817.

Tha taighean còmhnaidh agus taighean a-muigh air an sealltainn air a' phlana agus cuideachd na ceàrnaidhean air a bheil buaidh aig reòthart. Tha am plana cuideachd a' sealltainn cuid de na ceàrnaidhean mun cuairt a bha air an cleachdadh mar 'corn ground' agus 'garden ground'.

Chaidh Urras Cala Inbhir Nis a' stèidheachadh le Achd Cala Inbhir Nis (1847). Shoirbhich an cala ann am meadhan na 19mh linn gus an tug fosgladh loidhnichean rèile gu tuath an trafaig air falbh. Ach, chaidh leasachaidhean a dhèanamh air a' chala a-rithist aig deireadh na 19mh linn agus chunnaic an t-àm seo meudachadh ann am bàtaichean-smùide agus soithichean a bha a' giùlan gual a' tadhal air a' phort. Am measg leasachaidhean na 20mh linn bha meudachadh mòr ann an cargùthan saimeant airson Bòrd Dealan-Uisge Ceann a Tuath na h-Alba agus leudachadh air goireasan stòraidh ola agus peatroil.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Plana de Chala Inbhir Nis, 1729

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

Cala Inbhir Nis; calaidhean; daingneachd; Oilibhear Crombail; Seann Chidhe; Cidhe an Daingneachd; Cidhe Thornbush; Urras Cala Inbhir Nis