Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cùirn Chlabhalaig
EXTERNAL ID
PC_JACKWATSON_003
ÀITE
Clabhalag
SGÌRE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jack Watson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jack Watson
AITHNEACHADH MAOINE
28798
KEYWORDS
Siorrachd Inbhir Nis
Inbhir Nis
Cùil Lodair
An Càrn Chlabhalaig
càrn
Linn an Umha
Baile an Fhuarain, Clabhalag
àrsaidh
Clava Cairns

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh de Chùirn Chlabhalaig as t-fhoghar.

San ionad aig Bail' an Fhuarain de Chlabhalag tha dà chàrn a tha seòmarach agus aon chàrn cuairteach ann, gach fear dhiubh air an cuairteachadh le cearcall de leacan. Tha an t-ionad air ainm a thoirt air dà sheòrsa de chàirn a tha rin lorg timcheall air Inbhir Nis (càrn cuairteach agus uaigh thrannsach). An toiseach bha iad den bheachd gur ann bho anmoch san àm Nuadh Leacach a bha cùirn Chlabhalaig ach tha cladhadh àrsachail ùr a' toirt a' chreids gur dòcha gu bheil iad às dèidh sin, 's dòcha bho Linn an Umha.

Tha loidhne nan trannsa aig an dà chàrn tìodhlacaidh, no uaighean trannsach, a' coimhead dhan iar-dheas agus ri dol fodha na grèine an là meadhan-geamhraidh, an là as giorra a tha sa bhliadhna. Tha na clachan ìseal taiceil agus na tursachan mun cuairt air na cùirn de dhiofar meud, a' dol nas motha taobh an iar-dheas agus laighe na grèine meadhan-geamhraidh. Tha cladhadh àrsachail ann an 1828, 1857 agus na 1950an air pìosan beaga crèadha agus clach-spor a lorg agus cuideachd cnàmhan dhaoine, feadhainn dhiubh siud a chaidh an losgadh. Tha fianais ann gu robh an t-ionad air leth cudromach agus 's dòcha air a chumail do dhaoin-uasal

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cùirn Chlabhalaig

INBHIR NIS: Crothaigh 's Dealgros

2000an

Siorrachd Inbhir Nis; Inbhir Nis; Cùil Lodair; An Càrn Chlabhalaig; càrn; Linn an Umha; Baile an Fhuarain, Clabhalag; àrsaidh

Jack Watson

Jack Watson Photography

Chithear anns an dealbh-chamara seo sealladh de Chùirn Chlabhalaig as t-fhoghar. <br /> <br /> San ionad aig Bail' an Fhuarain de Chlabhalag tha dà chàrn a tha seòmarach agus aon chàrn cuairteach ann, gach fear dhiubh air an cuairteachadh le cearcall de leacan. Tha an t-ionad air ainm a thoirt air dà sheòrsa de chàirn a tha rin lorg timcheall air Inbhir Nis (càrn cuairteach agus uaigh thrannsach). An toiseach bha iad den bheachd gur ann bho anmoch san àm Nuadh Leacach a bha cùirn Chlabhalaig ach tha cladhadh àrsachail ùr a' toirt a' chreids gur dòcha gu bheil iad às dèidh sin, 's dòcha bho Linn an Umha.<br /> <br /> Tha loidhne nan trannsa aig an dà chàrn tìodhlacaidh, no uaighean trannsach, a' coimhead dhan iar-dheas agus ri dol fodha na grèine an là meadhan-geamhraidh, an là as giorra a tha sa bhliadhna. Tha na clachan ìseal taiceil agus na tursachan mun cuairt air na cùirn de dhiofar meud, a' dol nas motha taobh an iar-dheas agus laighe na grèine meadhan-geamhraidh. Tha cladhadh àrsachail ann an 1828, 1857 agus na 1950an air pìosan beaga crèadha agus clach-spor a lorg agus cuideachd cnàmhan dhaoine, feadhainn dhiubh siud a chaidh an losgadh. Tha fianais ann gu robh an t-ionad air leth cudromach agus 's dòcha air a chumail do dhaoin-uasal