Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Eilean Donnain
EXTERNAL ID
PC_JACKWATSON_004
ÀITE
Caisteal Eilean Donnain
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Cinn Tàile
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Jack Watson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jack Watson
AITHNEACHADH MAOINE
28799
KEYWORDS
Loch Abar
Eilean Donnain
Loch Dubhthaich
Tighearna nan Eilean
caisteal
Eilean Donan Castle

Chithear anns an dealbh-chamara seo, sealladh de aghaidh Caisteal Eilean Donnain, le solas na grèine a' tuiteam air agus I a' dol fodha. Tha an caisteal na laighe sa chomar aig Loch Long, Loch Dubhthaich agus Loch Aillse. Thathar den bheachd gu bheil Eilean Donnain air ainmeachadh air an Easbaig Donnan, naomh Èireannach a thàinig gu Alba ann an 580 AC. Chaidh a' chiad daingneachd a thogail air an eilean san treas linn deug nuair a bha an sgìre fo chumhachd Thighearnas nan Eilean.

Chaidh an caisteal seo a thogail ann am prìomh ionad far an seasadh e an aghaidh nan Lochlannach, a bha fhathast a' dèanamh ionnsaighean agus creachadh ann an Alba a Tuath. Thairis air na bliadhnachan, leudaich is lùghdaich an caisteal. Chaidh a chleachdadh na ghearastan le na Seumasaich san ochdamh linn deug nuair a bha iad ri ar-a-mach a' cur taic ri Taigh Stiùbhairt is 's ann mar thoradh air sin a chaidh an caisteal a sgrios.

Bha Caisteal Eilean Donnain na làrach fad faisg air dà cheud bliadhna gus an do cheannaich an t-Iar-Chòirneal Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911. Chuir e seachad an ath fhichead bliadhna dhe bheatha, gu 1932 nuair a chrìochnaicheadh e, a' cur a' chaisteil air dòigh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Eilean Donnain

ROS: Cinn Tàile

2000an

Loch Abar; Eilean Donnain; Loch Dubhthaich; Tighearna nan Eilean; caisteal

Jack Watson

Jack Watson Photography

Chithear anns an dealbh-chamara seo, sealladh de aghaidh Caisteal Eilean Donnain, le solas na grèine a' tuiteam air agus I a' dol fodha. Tha an caisteal na laighe sa chomar aig Loch Long, Loch Dubhthaich agus Loch Aillse. Thathar den bheachd gu bheil Eilean Donnain air ainmeachadh air an Easbaig Donnan, naomh Èireannach a thàinig gu Alba ann an 580 AC. Chaidh a' chiad daingneachd a thogail air an eilean san treas linn deug nuair a bha an sgìre fo chumhachd Thighearnas nan Eilean.<br /> <br /> Chaidh an caisteal seo a thogail ann am prìomh ionad far an seasadh e an aghaidh nan Lochlannach, a bha fhathast a' dèanamh ionnsaighean agus creachadh ann an Alba a Tuath. Thairis air na bliadhnachan, leudaich is lùghdaich an caisteal. Chaidh a chleachdadh na ghearastan le na Seumasaich san ochdamh linn deug nuair a bha iad ri ar-a-mach a' cur taic ri Taigh Stiùbhairt is 's ann mar thoradh air sin a chaidh an caisteal a sgrios. <br /> <br /> Bha Caisteal Eilean Donnain na làrach fad faisg air dà cheud bliadhna gus an do cheannaich an t-Iar-Chòirneal Iain MacRath-Gilstrap an t-eilean ann an 1911. Chuir e seachad an ath fhichead bliadhna dhe bheatha, gu 1932 nuair a chrìochnaicheadh e, a' cur a' chaisteil air dòigh