Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
A' Dol tro na Glasan-uisge aig Cille Chuimein, 1894
EXTERNAL ID
PC_JACKWILKINSON_001
ÀITE
Cille Chuimein
SGÌRE
An Àird
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh
DEIT
1894
LINN
1890an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jack Wilkinson
AITHNEACHADH MAOINE
28829
KEYWORDS
bàta
bàtaichean
turasan-bàta
canàl
seòladh
Going through the Locks at Fort Augustus, 1894

Dealbh-camara bhon chruinneachadh aig Jack MacUilleim. Tha sgrìobhte fodha, 'Going through the Locks at Fort Augustus, 1894. Monastery in the distance.' Tha na glasan-uisge aig Cille Chuimein nam pàirt de Shligh'-Uisge na h-Alba. Tha an Canàl a' dol eadar Inbhir Nis air a' chost an ear agus A' Chorpaich, faisg air a' Ghearasdan, air an taobh siar. Chaidh fhosgladh ann an 1822, ach cha deach crìoch a chur air an obair air fad gu 1847.

'S i a' mhanachainn a chithear anns an dealbh seo Abaid Coimhearsnachd Naoimh Bhenedict. Chaidh a stèidheachadh ann an 1876 mar ath-stèidheachadh de mhanachainn Naoimh Sheumais an Ratisbon (Regensburg) ann am Bavaria, a chaidh a chur sìos ann an 1862.

Sgaoil Coimhearsnachd Abaid Naoimh Benedict ann an 1998 agus chaidh an Abaid a reic ri luchd-tasgaidh prìobhaideach. Bha cruinneachadh cudromach de leabhraichean is làmh-sgrìobhainnean anns an Abaid agus chaidh iad sin a thoirt do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

A' Dol tro na Glasan-uisge aig Cille Chuimein, 1894

INBHIR NIS: Both Fhleisginn 's Obar Thairbh

1890an

bàta; bàtaichean; turasan-bàta; canàl; seòladh

Jack Wilkinson

Dealbh-camara bhon chruinneachadh aig Jack MacUilleim. Tha sgrìobhte fodha, 'Going through the Locks at Fort Augustus, 1894. Monastery in the distance.' Tha na glasan-uisge aig Cille Chuimein nam pàirt de Shligh'-Uisge na h-Alba. Tha an Canàl a' dol eadar Inbhir Nis air a' chost an ear agus A' Chorpaich, faisg air a' Ghearasdan, air an taobh siar. Chaidh fhosgladh ann an 1822, ach cha deach crìoch a chur air an obair air fad gu 1847. <br /> <br /> 'S i a' mhanachainn a chithear anns an dealbh seo Abaid Coimhearsnachd Naoimh Bhenedict. Chaidh a stèidheachadh ann an 1876 mar ath-stèidheachadh de mhanachainn Naoimh Sheumais an Ratisbon (Regensburg) ann am Bavaria, a chaidh a chur sìos ann an 1862.<br /> <br /> Sgaoil Coimhearsnachd Abaid Naoimh Benedict ann an 1998 agus chaidh an Abaid a reic ri luchd-tasgaidh prìobhaideach. Bha cruinneachadh cudromach de leabhraichean is làmh-sgrìobhainnean anns an Abaid agus chaidh iad sin a thoirt do Leabharlann Nàiseanta na h-Alba