Ùrachadh mu Dheireadh 07/02/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Drochaid Crochaidh Nis, Inverness
EXTERNAL ID
PC_JACKWILKINSON_004
ÀITE
Inbhir Nis
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Jack Wilkinson
AITHNEACHADH MAOINE
28832
KEYWORDS
innleadaireachd
ailtireachd
togalach
togalaichean
Ness Suspension Bridge, Inverness

Dealbh-camara bho chruinneachadh Jack MhicUilleim, a thogadh tha e coltach sna 1890an. Tha sgrìobhte fon dealbh, 'Suspension Bridge across the Ness'.

Thogadh Drochaid Chrochaidh Nis mu 1855, an àite drochaid chloiche bho deireadh an t-17mh linn a chaidh a milleadh le tuiltean.

Aig ceann an ear na drochaid, air taobh deas an deilbh, bha bogha-slighe barrabhallach a' cur maise air an rathad a-steach dhan bhaile. Aig a' cheann an iar, chaidh dà thùr a bha fada na b' ìsle a thogail.

Air sgàth inntrigeadh cumhang na bogha-shlighe an ear agus am fàs anns an trafaig a' cleachdadh na drochaid, chaidh planaichean a dhèanamh gus drochaid ùr a chur na h-àite. Aig a' cheart àm, chaidh bacadh-astair de dheich mìle san uair a chur air dòigh agus bha duine le bratach dhearg a' cumail smachd air an trafaig agus a' dèanamh cinnteach nach robh cus cuideim air an drochaid. Leis an dàrna cogadh thugadh air falbh an duine leis a' bhrataich dheirg agus chaidh an drochaid a dhùnadh ann an 1959.

Ann an 1961, thogadh drochaid choncrait, cheithir-fillteach an àite na drochaid-chrochaidh a thathas a' cleachdadh chun an là
an-diugh

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Drochaid Crochaidh Nis, Inverness

INBHIR NIS: Inbhir Nis 's Am Bànath

innleadaireachd; ailtireachd; togalach; togalaichean