Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Agallamh còmhla ri Cathraiche Ceòlas (Gàidhlig)
EXTERNAL ID
SMO_ISLANDVOICES_12_GD
ÀITE
Dalabrog
SGÌRE
Uibhist a Deas
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Uibhist a Deas
DEIT
2007
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Sabhal Mòr Ostaig and Cothrom Ltd
NEACH-FIOSRACHAIDH
Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig
AITHNEACHADH MAOINE
2884
KEYWORDS
foghlam

Get Adobe Flash player

'S i Màiri NicAonghais cathraiche na comataidh ionadail a bhios a' cur na sgoil samhraidh air dòigh gach bliadhna. Tha i a' toirt iomradh air obair a' bhuidhinn agus a' bhuaidh a th' aig Ceòlas sa choimhearsnachd.

Tha a' bhidio seo bhon DVD 'Guthan nan Eilean' a rinneadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Cothrom Earr mar phàirt de phròiseact Eòrpach Leonardo POOLS. Tha 40 bhidio ghoirid air an DVD, airson luchd-ionnsachaidh na Beurla agus na Gàidhlig, a tha a' sealltainn beatha làitheil ann an Uibhist agus Beinn a' Bhaoghla.

B'e Gordon Wells co-òrdanaiche a' phròiseict 'Island Voices'. Ceangail ri bloga a' phròiseict an seo

Tha dà rud ann, mar a tha Ceòlas a-nis. Tha Ceòlas, an sgoil shamhraidh, 's tha cuideachd Ceòlas a' dèanamh prògraman de rudan a tha a' tachairt tron bhliadhna, agus ag obrachadh còmhla ri buidhnean eile. Ach tha mi cinnteach gur e an rud as eòlaiche tha daoine air, gur e an sgoil shamhraidh, agus 's e sin rud a tha air a chur air adhart fad na seachdain anns an Iuchar an dèidh dha na sgoiltean dùnadh. Tha e air a stèidheachadh ann an Sgoil Dhalabroig, agus 's e àite fìor mhath a tha sin a thaobh 's tha e faisg air rudan eile, mar a tha taighean-òsta, 's oifis a' phuist, na bùithean 's an eaglais, a h-uile goireas a dh'fheumadh duine. 'S cuideachd tha e ann an teis-meadhan coimhearsnachd far a bheil Gàidhlig gu math làidir, agus far a bheil daoine ag iarraidh a bhith mar phàirt de rud mar sin a chur air adhart.

Well, tron t-seachdain, um, tha an t-àite gu math trang, gu h-àraid ceann a deas Uibhist, agus, eh, bidh sinn a' deisealachadh fad seachdain no dhà roimhe sin. Bidh sinn - aithnichidh tu gu bheil Ceòlas gu bhith ann. Bithear a' cur suas flagaichean, bithear a' cur suas postairean is sanasan gu leòr. Bidh na bùithean a' ceannach a-staigh iomadach rud airson gu bheil ceudan dhaoine a' tighinn a-staigh air an t-seachdain sin.

Bidh mu cheud gu leth no suas gu dà cheud aig Ceòlas fhèin, ach tha sinn a-nis a' faireachdainn gu bheil ceudan eile a' tighinn a-staigh dhan choimhearsnachd aig an aon àm 's tha Ceòlas a' cur air adhart na sgoile. Tha sin ga ruith ann an Sgoil Dhalabroig, cuideachd a' cleachdadh na tallaichean - talla Naoimh Pheadair, talla na coimhearsnachd, tallaichean beag eile timcheall cuideachd airson clasaichean a chur air adhart. Ach 's e an rud as motha a dh'aithnicheas a' choimhearsnachd 's e na rudan a tha a' dol air an oidhche, tha mi cinnteach. Tha program de, em, cèilidhean, 's dannsaichean, 's tachartasan dhe gach seòrsa air an cur air adhart, fad a' chinn a deas a-rithist eadar Èirisgeigh, Cill Donnain, dh'fhaoidte sìos gu Bòrnais, far a bheil iarrtas ann, far a bheil sinn a' faicinn gu bheil comas rud a dhèanamh. Tha sinn a' cur air adhart rudan far a bheil na daoine a tha tighinn a-staigh a' faicinn cò mu dheidhinn a tha a' choimhearsnachd againne coltach. Agus tha sinn, eh, cho fad 's a ghabhas, a' cur rudan air adhart anns a' Ghàidhlig, agus a' tarraing a-staigh daoine aig a bheil eòlas, gu h-àraid aig a bheil meas, agus a tha a' cur luach air an seòrsa coimhearsnachd a th' ann an Uibhist. 'S e sin na daoine a tha sinn a' tarraing a-staigh ann a bhith a' cur air adhart Ceòlas.

Mar as trice, tha, 's àbhaist dhuinn a bhith ag obrachadh còmhla ri Colaisde Bheinn na Faoghla, gus a bhith a' cur air dòigh prògram de dh'oideachadh, um tuition, ann an ceòl is seinn is a rèir dè an obair a tha iadsan a' dèanamh. Cuideachd bidh sinn a' cur air adhart cèilidh no dhà. Mar a bha an-uiridh, bha farpais againn airson port no dannsa no rudeigin ainmeachadh air, eh, gun robhar a' ceannach an fhearainn ann an Uibhist. 'S dh'obraich sin fìor mhath. Tha sinn cuideachd ag obair còmh' ri buidhnean eile anns a' choimhearsnachd airson ionnsachadh is oideachadh ann an ceòl a chur air adhart leis an fheadhainn òga. 'S e pìos gu math cudromach de dh'obair Ceòlas a tha sin. Ach 's e obair bliadhna a th' ann Ceòlas fhèin, an sgoil a chur air dòigh. Tha thu a' sanasachd is a' trusadh luchd-teagaisg, 's a' cur air dòigh àiteachan-fuirich - tha e dìreach a' dol air adhart o bhliadhna gu bliadhna 's ged tha e caran falaichte gu leòr dhen àm, tha obair ann daonnan.

Tha mise a' smaoineachadh gu bheil Ceòlas, eh, thairis air na deich bliadhna a chaidh seachad, air ìomhaigh a' chiùil is na Gàidhlig is nan ealan air fad a thogail don choimhearsnachd, gu bheil sinne uile - gu bheil sinn dìreach a' fàs eòlach air - gum bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh leasachadh, agus gu bheil daonnan rudan againn ri ionnsachadh, mar a tha ceòl cudromach agus mar a tha fealla-dhà is fèis cudromach cuideachd, agus gu seachd àraid nuair a tha daoine à taobh eile dhen t-saoghal a' tighinn a-staigh, chì sinn cho math 's a tha iad gu bruidhinn na Gàidhlig, 's cho measail 's tha iad air a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig, tha mi a' faireachdainn gu bheil sinne ag ionnsachadh gum bu chòir dhuinn fhìn cus a bharrachd luach a chur air a' chànain againn fhìn, 's a tha sinn 's dòcha a' dèanamh co-dhiù.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Agallamh còmhla ri Cathraiche Ceòlas (Gàidhlig)

INBHIR NIS: Uibhist a Deas

2000an

foghlam

Gordon Wells Sabhal Mòr Ostaig

Guthan nan Eilean / Island Voices