Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Coit a' Ghartain, a' Coimhead a-null chun an Rathaid-iarainn
EXTERNAL ID
PC_JMACGILLIVRAY_006
ÀITE
Coit a' Ghartain
SGÌRE
Bàideanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Daothal 's Ràta Mhurchais
NEACH-FIOSRACHAIDH
J MacGillivray
AITHNEACHADH MAOINE
28842
KEYWORDS
loidhne rèile
Boat of Garten, Looking Towards the Railway

Cairt-phuist de bhaile Coit a' Ghartain, a' coimhead a-null chun an rathaid-iarainn.

Tha Coit a' Ghartain 9.5 km an ear-thuath air an Aghaidh Mhòir. Bha clachan an seo anns an t-17mh linn, air an robh An Gart, ach 's ann às dèidh fosgladh an stèisein rèile an 1863 a chaidh am baile a leasachadh gu ceart. Chaidh an stèisean rèile ainmeachadh mar 'Boat of Garten' air a' bhàta-aiseig slabhraidh a bhiodh a' falbh air Abhainn Spè aig Gartan Mòr. Chaidh drochaid a chur an àite a' bhàta-aiseig an 1899, ach chumadh an t-ainm 'Boat of Garten'.

Dhùin stèisean rèile Coit a' Ghartain airson luchd-siubhail an 1965, ach tha Companaidh Rèile Shrath Spè air a bhith a' cur togalach an stèisein agus an loidhne gu feum, le trèana-smùide a' ruith eadar an Aghaidh Mhòr agus Broomhill, taobh Coit a' Ghartain.

Tha Loch a' Ghartain, far a bheil ionad-coimhid iolairean-uisge, na laighe gu sear air Coit a' Ghartain

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture