Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Chaol a' Chùirn, Loch Obha
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_004
ÀITE
Loch Odha
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Àird Chatain 's Mucàrna
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28860
KEYWORDS
caistealan
fineachan
lochan
daingneachdan
togalaichean
Kilchurn Castle, Loch Awe

Tha Caisteal Caol a' Chùirn air rubha beag air Loch Obha, taobh an iar Dail Mhaillidh. Aig aon àm b' e eilean a bha anns an rubha ach thuit ìre an uisge agus a-nis gheibhear gu tìr fad an t-siubhail bhon a' chaisteal.

Chaidh an caisteal a thogail leis a' Mhorair Cailean Caimbeul, a' chiad Mhorair air Gleann Urchaidh, ann an 1450 agus chaidh leasachaidhean a chur ris tro thìde. Chaidh atharrachadh gu bhith na thaigh-feachd anns na 1690an leis a' Mhorair Iain Caimbeul ann an Gleann Urchaidh agus chaidh a chleachdadh mar ghearasdan don riaghaltas aig àm ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745. Dh'fhàg na Caimbeulaich Caisteal Caol a' Chùirn airson Caisteal a' Bhealaich ann an 1740 airson ùidh a chumail anns na h-oighreachdan aca ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh Caisteal Caol a' Chùirn fhàgail uile gu lèir ann an 1760 an dèidh dha a bhith air a sgrios gu dona ann an stoirm dealanaich. Tha e air a bhith fo chùram Alba Eachraidheil bho na 1950an

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Chaol a' Chùirn, Loch Obha

EARRA-GHÀIDHEAL: Àird Chatain 's Mucàrna

caistealan; fineachan; lochan; daingneachdan; togalaichean

J I R Martin

Tha Caisteal Caol a' Chùirn air rubha beag air Loch Obha, taobh an iar Dail Mhaillidh. Aig aon àm b' e eilean a bha anns an rubha ach thuit ìre an uisge agus a-nis gheibhear gu tìr fad an t-siubhail bhon a' chaisteal.<br /> <br /> Chaidh an caisteal a thogail leis a' Mhorair Cailean Caimbeul, a' chiad Mhorair air Gleann Urchaidh, ann an 1450 agus chaidh leasachaidhean a chur ris tro thìde. Chaidh atharrachadh gu bhith na thaigh-feachd anns na 1690an leis a' Mhorair Iain Caimbeul ann an Gleann Urchaidh agus chaidh a chleachdadh mar ghearasdan don riaghaltas aig àm ar-a-mach nan Seumasach ann an 1715 agus 1745. Dh'fhàg na Caimbeulaich Caisteal Caol a' Chùirn airson Caisteal a' Bhealaich ann an 1740 airson ùidh a chumail anns na h-oighreachdan aca ann an Siorrachd Pheairt. Chaidh Caisteal Caol a' Chùirn fhàgail uile gu lèir ann an 1760 an dèidh dha a bhith air a sgrios gu dona ann an stoirm dealanaich. Tha e air a bhith fo chùram Alba Eachraidheil bho na 1950an