Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Canàl A' Chrìonain
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_009
ÀITE
Sligh'-uisge a' Chrìonan
SGÌRE
Meadhan Earra-Ghàidheil
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28865
KEYWORDS
canàl
slighean-uisge
còmhdail
bàtaichean
Crinan Canal

Tha Canàl a' Chrìonain a' ruith bho Rubha Aird Driseig air Loch Fìne gu Crìonan air Caolas Dhiùra. Chaidh a dhealbhachadh gus an taobh an iar agus na h-eileanan a cheangal ri beul an Abhainn Chluaidh a' seachnadh turas fada timicheall air leth-eilean Cinn Tìre. Thòisich obair air a' chanàl ann an 1794 fo stiùireadh an innealadair Iain Rennie. Dh'fhosgail e ann an 1801, dà bhliadhna na b' fhaide na bha an dùil, an dèidh dha barrachd airgid a chsg na bha an dùil agus gun e air a chrìochnachadh cho math 's a b' urrainn dha. An dèidh mòran thrioblaidean, chaidh Tòmas Telford fhastadh airson ath-dhealbhachadh a dhèanamh air pìosan dheth ann an 1816. Tha 15 àitean-glasaidh air a' chanàl a tha naoi mìle a dh'fhaid agus bidh e a' ruigheachd àirde de 65 troigh os cionn ìre na mara. Air sgàth 's gu bheil an dà cheann dheth fosgailte ris a' mhuir tha buaidh aig a' mhuir-làn air agus mar sin bidh e a' call tòrr uisge. Airson dèanamh cinnteach nach bi e a' fàs tioram nuair a bhios an canàl a' ruigheachd àirde, tha seachd lochan a' leigeil uisge a-steach ann.

Thàinig Canàl A' Chrìonain fo smachd Slighean-uisge Bhreatainn ann an 1962 agus bidh eadar 2000 agus 3000 soitheach, a'
mhòr-chuid dhiubh nam bàtaichean-cuairt, ga chleachdadh gach bliadhna

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Canàl A' Chrìonain

EARRA-GHÀIDHEAL

canàl; slighean-uisge; còmhdail; bàtaichean

J I R Martin

Tha Canàl a' Chrìonain a' ruith bho Rubha Aird Driseig air Loch Fìne gu Crìonan air Caolas Dhiùra. Chaidh a dhealbhachadh gus an taobh an iar agus na h-eileanan a cheangal ri beul an Abhainn Chluaidh a' seachnadh turas fada timicheall air leth-eilean Cinn Tìre. Thòisich obair air a' chanàl ann an 1794 fo stiùireadh an innealadair Iain Rennie. Dh'fhosgail e ann an 1801, dà bhliadhna na b' fhaide na bha an dùil, an dèidh dha barrachd airgid a chsg na bha an dùil agus gun e air a chrìochnachadh cho math 's a b' urrainn dha. An dèidh mòran thrioblaidean, chaidh Tòmas Telford fhastadh airson ath-dhealbhachadh a dhèanamh air pìosan dheth ann an 1816. Tha 15 àitean-glasaidh air a' chanàl a tha naoi mìle a dh'fhaid agus bidh e a' ruigheachd àirde de 65 troigh os cionn ìre na mara. Air sgàth 's gu bheil an dà cheann dheth fosgailte ris a' mhuir tha buaidh aig a' mhuir-làn air agus mar sin bidh e a' call tòrr uisge. Airson dèanamh cinnteach nach bi e a' fàs tioram nuair a bhios an canàl a' ruigheachd àirde, tha seachd lochan a' leigeil uisge a-steach ann.<br /> <br /> Thàinig Canàl A' Chrìonain fo smachd Slighean-uisge Bhreatainn ann an 1962 agus bidh eadar 2000 agus 3000 soitheach, a' <br /> mhòr-chuid dhiubh nam bàtaichean-cuairt, ga chleachdadh gach bliadhna