Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caisteal Dùn Bheagain , An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_014_AT
ÀITE
Dùn Bheagan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
28871
KEYWORDS
caistealan
fineachan
togalaichean
Dunvegan Castle, Skye

'S ann bhon a' Ghàidhlig a tha Dunvegan a tha a' ciallachadh 'Dùn Beag'. Tha Caisteal Dùn Bheagain suidhichte mu mhìle tuath air baile Dùn Bheagain agus mu 22 mìle taobh an iar air Port Rìgh air an Eilean Sgitheanach.

'S ann bho timicheall air 1200 a tha an caisteal le leasachaidhean air a chur ris anns an gach linn an dèidh sin agus 's e an dachaigh bho thùs aig cinn-cinnidh Chlann MhicLeòid. 'S e an dachaigh as sine ann am Breatainn agus tha an aon teaghlach air a bhith a' còmhnaidh ann fad na h-ùine.

Bho thùs, b' e an aon dòigh a-steach don chaisteal tro gheata bhon a' mhuir agus suas staidhre dhorcha. Bha seo a' ciallachadh gun robh an caisteal air a dhìon gu math. Bha creagan casa air trì taobhan dheth agus bha dìg mhòr air an aon taobh ris an tìr. Chaidh drochaid a thogail thairis air an dìg ann an 1748.

Tha Caisteal Dùn Bheagain na dhachaigh cuideachd dhan a' Bhratach Shìthe. Thathar ag ràdh gun deach am bratach a thoirt do aon de na cinn-chinnidh le bean-shìthe nuair a b'fheudar dhi tilleadh gu na daoine aice fhèin. Thathar ag ràdh gu bheil an cumhachd aige an cinneadh a shàbhaladh trì tursan ma thèid a sgaoileadh aig àm èiginneach. Tha e air obrachadh dà thuras; aig Blàr Ghleann Dail agus Blàr An Trùmpan

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caisteal Dùn Bheagain , An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

2000an

caistealan; fineachan; togalaichean