- TIOTAL
- An Cuiltheann bho Bhràcadal
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_017
- ÀITE
- Bracadal
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Bracadal
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28874
- KEYWORDS
- cruthan-tìre

Chithear san dealbh-chamara seo an Cuiltheann bho Bhràcadal.
Tha An Cuiltheann na shreath de bheanntan creagach air an Eilean Sgitheanach an Alba. Canar cuideachd An Cuiltheann Dubh ris an fhìor Chuiltheann gus a shònrachadh bhon Chuiltheann Dhearg air taobh eile Gleann Shligeachain. Tha 12 bheinn ris an canar 'Munros' (beanntan an Alba a tha còrr is 3000 troigh, 914 meatairean) am measg Bheanntan a' Chuilthinn, is Sgùrr Alasdair, am fear as àirde aig 3258 troighean (993 meatairean), Sgùrr nan Gillean agus an Sgùrr Dearg ('The Inaccessible Pinnacle') nam measg.
Tha Bràcadal aig ceann Loch Bheag, air taobh siar an Eilein Sgitheanaich, a' dol a-steach a Loch Bhràcadal, 10 mìle gu tuath air Beanntan a' Chuilthinn