Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Seallaidhean, Gleann Comhann
EXTERNAL ID
PC_JMSTRACHAN_036
ÀITE
Gleann Comhann
SGÌRE
Ceann a Tuath Latharna
SIORRACHD/PARRAIST
EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn
CRUTHADAIR
JM Strachan
NEACH-FIOSRACHAIDH
J I R Martin
AITHNEACHADH MAOINE
28893
KEYWORDS
glinn
beanntan
cnuic
sreap
coiseachd nam beann
fineachan
murt mòr
Reflections, Glen Coe

'S e Gleann Comhann gleann cho ainmeil 's a th' ann an Alba. Tha e a' ruith mu dheich mìle eadar Mòinteach Rainich agus Loch Lìobhann agus 's e làrach cudromach a th' ann a thaobh creag-eòlais agus luibh-eòlais. Tha cuid den choiseachd agus den
t-sreap as fheàrr ann an Alba anns a' ghleann. Tha an t-Aonach Eagach air taobh tuath a' ghlinn, 's thathar ag ràdh gur e fear de na cuairtean-sreap thairis air druim as dorra air tìr-mòr Alba agus air an taobh dheas tha Bidean nam Beann, Buachaille Èite Beag agus Buachaille Èite Mòr.

'S ann an Gleann Comhann a thachair am murt mòr ann an 1692 nuair a chaidh 38 duine de Chlann Dòmhnaill a mharbhadh. Bha an riaghaltas airson eisimpleir a dhèanamh de na Dòmhnallaich air sgàth 's nach do gheall iad mionnan do Uilleam III ro cheann-latha sònraichte. Chaidh Reiseamaid Earra-Ghàidheil, fo riaghladh Caimbeulach Ghleann Lìomhann, a dh'fhuireach còmhla ri na Dòmhnallaich le òrdughan a h-uile duine dhen chinneadh fo aois 70 a mharbhadh ann am meadhan na h-oidhche. Cha deach cùisean gu math agus ged a chaidh 38 a mharbhadh, fhuair an fheadhainn eile air falbh do na beanntan ged a chaochail feadhainn eile le bhith a-muigh san fhuachd. Bha an ùpraid mu dheidhinn às a dhèidh a' cur cuideam air mar a chaidh brath a ghabhail air aoigheachd nan Dòmhnallach le saighdearan an riaghaltais, seach mun mhurt fhèin

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Seallaidhean, Gleann Comhann

EARRA-GHÀIDHEAL: Liosmòr 's An Apainn

glinn; beanntan; cnuic; sreap; coiseachd nam beann; fineachan; murt mòr

J I R Martin

'S e Gleann Comhann gleann cho ainmeil 's a th' ann an Alba. Tha e a' ruith mu dheich mìle eadar Mòinteach Rainich agus Loch Lìobhann agus 's e làrach cudromach a th' ann a thaobh creag-eòlais agus luibh-eòlais. Tha cuid den choiseachd agus den <br /> t-sreap as fheàrr ann an Alba anns a' ghleann. Tha an t-Aonach Eagach air taobh tuath a' ghlinn, 's thathar ag ràdh gur e fear de na cuairtean-sreap thairis air druim as dorra air tìr-mòr Alba agus air an taobh dheas tha Bidean nam Beann, Buachaille Èite Beag agus Buachaille Èite Mòr.<br /> <br /> 'S ann an Gleann Comhann a thachair am murt mòr ann an 1692 nuair a chaidh 38 duine de Chlann Dòmhnaill a mharbhadh. Bha an riaghaltas airson eisimpleir a dhèanamh de na Dòmhnallaich air sgàth 's nach do gheall iad mionnan do Uilleam III ro cheann-latha sònraichte. Chaidh Reiseamaid Earra-Ghàidheil, fo riaghladh Caimbeulach Ghleann Lìomhann, a dh'fhuireach còmhla ri na Dòmhnallaich le òrdughan a h-uile duine dhen chinneadh fo aois 70 a mharbhadh ann am meadhan na h-oidhche. Cha deach cùisean gu math agus ged a chaidh 38 a mharbhadh, fhuair an fheadhainn eile air falbh do na beanntan ged a chaochail feadhainn eile le bhith a-muigh san fhuachd. Bha an ùpraid mu dheidhinn às a dhèidh a' cur cuideam air mar a chaidh brath a ghabhail air aoigheachd nan Dòmhnallach le saighdearan an riaghaltais, seach mun mhurt fhèin