- TIOTAL
- Caisteal Inbhir Aora
- EXTERNAL ID
- PC_JMSTRACHAN_044
- ÀITE
- Inbhir Aora
- SGÌRE
- Meadhan Earra-Ghàidheil
- SIORRACHD/PARRAIST
- EARRA-GHÀIDHEAL: Inbhir Aora
- CRUTHADAIR
- JM Strachan
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- J I R Martin
- AITHNEACHADH MAOINE
- 28900
- KEYWORDS
- caistealan
fineachan
cinn-chinnidh
togalaichean
àitichean-còmhnaidh

Chaidh a' chiad Chaisteal a thogail ann an Inbhir Aora a thogail anns a' 15mh linn le Cailean Caimbeul, ciad Iarla Earra-Ghàidheil. Cho-dhùin Gilleasbaig Caimbeul, an 3mh Diùc Earra-Ghàidheil, gum biodh an caisteal air ath-thogail far a bheil e an-dràsta eadar 1744 agus 1758 agus aig an aon àm a' leagail baile Inbhir Aora agus ga thogail a-rithist mìle air falbh gus nach biodh e às an rathad air na seallaidhean bhon a' chaisteal. Chaidh an caisteal ùr a dhealbhadh leis an ailtire Roger Morris bho dhealbh a rinn am Morair Iain Vanbrugh, an t-ailtire a dhealbhaich Lùchairt Bhlenheim. Tha taobh a-staigh a' chaisteil air mòran leasachaidhean agus ath-thogail fhaicinn thar nam bliadhnaichean. Chaidh an t-ath-leasachadh a bu mhotha mu dheireadh a chur air bhonn leis an 12ra Diùc anns na 1990an an dèidh teine ann an 1975.
Tha dreach ceaànaig air Caisteal Inbhir Aora le tùr cruinn aig gach oisean dheth. Tha seallaidhean thairis air Loch Shira agus Loch Fìne bhon a' chaisteal agus tha e fhathast na chathair aig Diùc Earra Ghàidheil a tha cuideachd nan cinn-cinnidh air Clann Chaimbeil